Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacBheathainn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P012
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30830
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacBean (or MacBain)

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Chan eil cinnt dè dìreach bun Clann MhicBheathainn. Canaidh feadhainn gun do ghluais iad à Loch Abar le ban-oighre Clann Chatain agus gun do thuinich iad air taobh sear Siorrachd Inbhir Nis, ach canaidh feadhainn eile gur e cinneadh à Moireibh a th' annta a tha càirdeach do Chlann MhicBheatha. Tha e cinnteach gun robh ceanglaichean tràtha aca ri Clann an Tòisich ann an co-chaidreachas Clann Chatain. Bha Maoileas MacBheathainn na fhear-taic daingeann do Mhac an Tòisich a bha a' sabaid airson Raibeirt Bhruis an aghaidh a' Chuimein Ruaidh, agus aig Cath Gairbheach ann an 1411 thàinig call mòr air Clann MhicBheathainn 's iad a' sabaid airson Mhic an Tòisich. B' e am prìomh theaghlach MacBheathainn Kinchyle agus shoidhnig iadsan grunn chùmhnantan cudromach le Clann Chatain ann an 1609, 1664 agus 1756.

Tha deagh chliù aig Clann MhicBheathainn airson an sgilean sabaid agus bha iad air leth aig Blàr Chùil Lodair. Mharbh Gilliosa MacBheathainn ceithir saighdearan Hanobhairianach deug 's e a' lìonadh beàrn ann am balla, mus deach e fhèin a mharbhadh. Bha cuid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacBheathainn

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.<br /> <br /> Chan eil cinnt dè dìreach bun Clann MhicBheathainn. Canaidh feadhainn gun do ghluais iad à Loch Abar le ban-oighre Clann Chatain agus gun do thuinich iad air taobh sear Siorrachd Inbhir Nis, ach canaidh feadhainn eile gur e cinneadh à Moireibh a th' annta a tha càirdeach do Chlann MhicBheatha. Tha e cinnteach gun robh ceanglaichean tràtha aca ri Clann an Tòisich ann an co-chaidreachas Clann Chatain. Bha Maoileas MacBheathainn na fhear-taic daingeann do Mhac an Tòisich a bha a' sabaid airson Raibeirt Bhruis an aghaidh a' Chuimein Ruaidh, agus aig Cath Gairbheach ann an 1411 thàinig call mòr air Clann MhicBheathainn 's iad a' sabaid airson Mhic an Tòisich. B' e am prìomh theaghlach MacBheathainn Kinchyle agus shoidhnig iadsan grunn chùmhnantan cudromach le Clann Chatain ann an 1609, 1664 agus 1756.<br /> <br /> Tha deagh chliù aig Clann MhicBheathainn airson an sgilean sabaid agus bha iad air leth aig Blàr Chùil Lodair. Mharbh Gilliosa MacBheathainn ceithir saighdearan Hanobhairianach deug 's e a' lìonadh beàrn ann am balla, mus deach e fhèin a mharbhadh. Bha cuid