Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacNeacail
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P013
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30831
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacNicol

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Ann an artaigil air Asaint anns an t-seann Chunntas Àireamhail, tha an t-Urr. Uilleam MacCoinnich a' toirt iomradh air fear Mackrycul 's tha e ag ràdh gur e, a rèir aithris, am fear bhon tàinig na 'MacNicols', na 'Nicols' agus na 'Nicolsons'. Chaidh aithneachadh gur e Mackrycul an Gregall air a bheil iomradh ann an sloinneadh Clann Neacail ann an làmh-sgrìobhainn 1450. B' ann le Mackrycul no Mac Neacail a bha an earrann sin de dh'oithir na Còigich ris an canar Ulapul.

Mu thoiseach a' 14mh linn, thàinig teaghlach ceann-cinnidh Cloinn Neacail gu crìch le ban-oighre a phòs Torcul MacLeòid Leòdhais agus chaidh fearann Asainte a-null gu Clann Leòid Leòdhais. A rèir coltais ghluais Clann Neacail dhan Eilean Sgitheanach agus bha sealbh aig Clann Neacail air fearann an Sgoir Bhric faisg air Port Rìgh fad linntean. Sna Meadhan Aoisean, lean Clann Neacail na Dòmhnallaich, Triathan nan Eilean, agus bhiodh e coltach gun do shuidh iad air na comhairlean aca. Nuair a thuit Tighearnas nan Eilean, lean Clann Neacail Dòmhnallaich Shlèite. Bha an t-Urr. Dòmhnall MacNeacail, ceann-cinnidh teaghlach an Sgoir Bhric aig deireadh an t-17mh linn, na mhinistear ann an Tròndairnis airson còrr is deich bliadhna fichead. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1696 air sgàth 's gun robh e an aghaidh Clèireachd, 's e fhèin na Easbaigeach daingeann.

San 19mh linn thug na Fuadaichean droch bhuaidh air Clann Neacail an Eilein Sgitheanaich. B' fheudar dhan cheann-chinnidh an Sgor Breac fhàgail agus rinn e eilthireachd a dh'Astràilia. Rinn mòran de Chlann Neacail eilthireachd 's iad a' sireadh tèarmann.

Tha mòran de Chlann Neacail ann an Earra-Ghàidheal agus tha an t-ainm MacNeacail sgapte air feadh Alba. San 19mh linn shoirbhich le Alasdair MacNeacail na fhear-togail bhàtaichean ann an Sìona agus dh'fhàg e suim mhòr airgid airson Sgoil MhicNeacail a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh, baile àraich"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacNeacail

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands