Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacLeòid
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P014
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30832
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Stiùbhart
MacLeod

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Thàinig Clann Mhic Leòid bho Leòd, mac do dh'Òlabh Dubh, agus bràthair do Rìgh Mhanainn 's nan Eilean. Tha e air aithris gun robh dà mhac aig an Leòd seo, Tormod agus Torcul, bhon tàinig dà phrìomh mheur an teaghlaich. Ann an Sìol Thormoid tha Clann Leòid Ghleann Eilg, na Hearadh agus Dùn Bheagain, agus buinidh Clann Leòid Leòdhais, Bhatairnis agus Asainte do Shìol Thorcuil.

Thug Sìol Thormoid taic do Bhrus ann an Cogadh na Saorsa agus fhuair ogha Thormoid, Calum, bann sgrìobhte bho Dhaibhidh II a' toirt dha fearann ann an Gleann Eilg. Gu tric chuir Clann Leòid an aghaidh nan Dòmhnallach cumhachdach ach thug iad taic do Thriath nan Eilean aig Cath Gairbheach ann an 1411. Ged a bha na ciad chinn-chinnidh air an sloinneadh air Gleann Eilg, b' ann ris an Eilean Sgitheanach bu mhotha a bha ceangal aig a' mheur seo den chinneadh. Fhuair iad sealbh air mòran dhan eilean sin agus b' e Dùn Bheagan cathair a' chinnidh. B' e aon de na cinn-chinnidh bu chliùtiche Alasdair Crotach
a thog Tùr nan Sìthichean 's a leig às a' bhratach shìth dà uair. B' e ceann-cinnidh iomraiteach eile Ruaraidh Mòr, a fhuair inbhe ridire bho Sheumas VI agus tha a chòrn air a ghleidheadh ann an Dùn Bheagan. Chùm e obair Alasdair Chrotaich a' dol le bhith a' stèidheachadh Dùn Bheagan mar phrìomh ionad chultarail nan eilean.

Chùm Sìol Thorcuil Leòdhas agus na b' anmoiche fhuair iad sealbh air baranachd Asainte agus fearann eile ann an Ratharsair, Bhatairnis agus Geàrrloch. Bha connspaid eadar iad fhèin agus Sìol Thormoid a thaobh ceannas a' chinnidh. Chuidich Torcul eile Dòmhnall Dubh Dòmhnallach leis an ar-a-mach a rinn e airson Tighearnas arfuntaichte nan Eilean fhaighinn air ais. Nuair a dh'fhaillich air san oidhirp seo chaidh oighreachdan Mhic Leòid arfuntachadh cuideachd, ach chaidh an tilleadh còig bliadhna an dèidh seo.

San t-16mh linn bha Sìol Thorcuil an sàs ann an connsachadh an dèidh connsachaidh le cinnidhean timcheall orra, agus eadar buill den chinneadh aca fhèin. Tràth anns an 17mh linn ged-tà, chaidh prìomh loidhne Clann Leòid Leòdhais à bith, agus chaidh ceannas a' mheòir seo a-null gu Clann Leòid Ratharsair. Mu dheireadh dh'fheumadh Sìol Thorcuil gabhail ris gun robh làmh-an-uachdair aig Sìol Thormoid.

Thug Clann Leòid taic do Theàrlach I agus do Theàrlach II agus bha iad a' sabaid aig Worcester ann an 1651, nuair a chaill iad mòran fhear. Dh'èirich iad a-rithist ann an 1715 airson nan Stiùbhartach ach cha tug an ceann-cinnidh taic don Phrionnsa Theàrlach ann an 1745, ged a thug cuid de Chloinn Leòid Ratharsair. Air sgàth 's gun do dhiùlt an ceann-cinnidh ann an Dùn Bheagan am prionnsa, chaomhain an riaghaltas Hanobhairianach fearann Cloinn Leòid an dèidh Chùil Lodair"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacLeòid

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain; Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands