Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac an Tòisich
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P015
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30833
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacKintosh/MacIntosh

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha an t-ainm Mac an Tòisich a' ciallachadh mac an an duine air thoiseach no mac a' chinn-chinnidh. A rèir aithris b' e bun a' chinnidh Seathanach, dàrna mac Dhonnchaidh MhicDhubhaich, Iarla Fìobha, a bhuineadh do theaghlach rìoghail Dhail Riada. Chuidich Seathanach Calum IV gus ar-a-mach ann am Moireibh a chur sìos ann an 1160 agus mar dhuais airson a dhìchill fhuair e fearann ann am Peitidh agus rinneadh e na Chonstabal air Caisteal Inbhir Nis. Ann an 1291 phòs Aonghas, 6mh ceann-cinnidh Cloinn an Tòisich, Eubha, ban-oighre Cloinn Chatain ann an Loch Abar. Thàinig Clann Chatain gu bhith na co-chaidreachas fhuasgailte air a stiùireadh le cinn-chinnidh Cloinn an Tòisich, ged a bhiodh Clann a' Phearsain uaireannan a' cur an aghaidh an còir-san air a' cheannas.

Thug Clann an Tòisich taic do Raibeart Bhrus, gu h-àraidh san t-sabaid an aghaidh nan Cuimeineach. Bha iad cuideachd an sàs ann an connsachaidhean le Iarlan Mhoireibh agus Hunndaidh, agus le na Camshronaich, Clann Dòmhnaill na Ceapaich, agus na Gòrdanaich. Bha iad a' sabaid airson A' Ghreumaich Mhòir (Montrose) 's e toirt taic do Theàrlach 1 agus mhair iad dìleas do chùis nan Seumasach ann an 1715 nuair a bha iad a' sabaid fo Cheannard-feadhna Mac an Tòisich Bhorluim. Nuair a chaidh an t-ar-a-mach sin a chur sìos, chaidh mòran de Chlann an Tòisich a ghiùlan a dh'Aimeireaga. Nuair a thàinig am Prionnsa Teàrlach a dh'Alba ann an 1745, bha an ceann-cinnidh a' toirt seirbheis ann an rèisimeid an riaghaltais ach thog a bhean fir airson arm a' phrionnsa. Bha Ruaig na Mòidh an urra ris a Bhana-mhorair Anna; theich 1500 de dh'fheachd an riaghaltais 's iad air am mealladh le grunnan de na searbhantan aice. Dh'fhuiling Clann an Tòisich gu mòr aig Cùl Lodair ged-tà agus na dhèidh.

Ann an 1938, an dèidh bàs an 28mh Chinn-chinnidh, chaidh ceannasan Cloinn an Tòisich agus Cloinn Chatain a sgaradh. 'S ann ann an Taigh Mòr na Mòidh faisg air Inbhir Nis a tha cathair ceann-cinnidh Cloinn an Tòisich an-dràsta"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac an Tòisich

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands