Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacLabhruinn
MacLabhruinn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P016
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30834
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacLaren (or MacLaurin)

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha aon chunntas bho bheul-aithris a' cumail a-mach gum buin Clann Labhruinn do Latharna, mac Erc, a thàinig air tìr ann an Earra-Ghàidheal ann an A.D. 503. Co-dhiù tha seo fìor gus nach eil, tha e clàraichte gun robh sealbh aig Clann Labhrainn air fearann ann am Both Chuidir agus Srath Eir anns an 12na linn. Ann an Clàr Ragman 1296 tha trì ainmean aig a bheil buinteanas dearbhte ri Clann Labhrainn: Morris Thìridh, Conan Bhoth Chuidir agus Laurin Ardveche ann an Srath Eir.

Anns a' 14mh linn, nuair a chuir an Crùn Iarlachd Srath Eir ri chuid fearainn fhèin, chaill Clann Labhrainn sealbh air an fhearann aca agus chaidh iad nan luchd-gabhail. Lean iad dìleas don Chrùn, ged-tà, agus bha iad a' sabaid airson Sheumais III aig Allt a' Phuill Sheilich ann an 1488, airson Sheumais IV aig Flodden ann an 1513 agus airson Màiri Banrigh na h-Alba aig Pinkie ann an 1547. Bha an Crùn fhathast a' coimhead orra mar chinneadh neo-eisimeileach agus bha iadsan san amharc aig Achdan Pàrlamaid 1587 agus 1594 airson cinnidhean mì-rianail a chur sìos. Bha cleamhnas eadar Clann Labhrainn agus Stiùbhartaich na h-Apainne, a thug taic dhaibh ann an connsachaidhean le cinnidhean timcheall orra, Clann Ghriogair agus Clann Dòmhnaill na Ceapaich is eile.

Bha Clann Labhrainn a' sabaid air taobh A' Ghreumaich Mhòir (Montrose) 's iad a' toirt taic do Theàrlach I agus lean iad Biocas Dhùn Dè aig Coille Chneagaidh ann an 1689. Bha iad a' sabaid airson nan Stìubhartach ann an ar-a-mach 1715 agus thug iad taic don Phrionnsa Theàrlach ann an 1745. An dèidh Chùil Lodair, nuair a dh'fhuiling na cinnidhean gu mòr, chaidh Both Chuidir a chreachadh le na saighdearan Hanobhairianach agus thugadh MacLabhrainn Inbhir Leanntaidh na phrìosanach. Fhuair e às ann an dòigh iongantach faisg air a' Mhagh Fhada air an t-slighe a Charlisle agus dh'fhuirich e am falach gus an tàinig Achd Urrais 1759"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacLabhruinn
MacLabhruinn

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands