Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Urchardainn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P017
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30835
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Urquhart

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha Clann Urchardainn a' toirt an ainm bho sgìre Urchardainn ann an seann siorrachd Chrombaidh. Canaidh cuid gun robh ceanglaichean tràtha aca ri Clann Foirbeis aig an robh Caisteal Urchardainn air taobh tuath Loch Nis. Aig toiseach a' 14mh linn phòs Uilleam Urchardainn, Siorraidh Chrombaidh, nighean do dh'Iarla Rois agus leudaich am mac-san cuid an teaghlaich. Phòs Sir Tòmas Urchardainn Chrombaidh nighean do Mhorair Obar Neithich agus tha e air aithris gum b' athair e do 11 nighean agus 25 balaich, agus chaidh seachdnar dhiubh sin a mharbhadh aig Blàr Phinkie ann an 1547. Fhuair am mac a bu shine, Alasdair, cùmhnant sgrìobhte ann an 1532 airson fearann ann an Siorrachdan Rois agus Inbhir Nis. Bha a mhac-san, Iain Urchardainn, na thaoitear do ogha-peathar no ogha-bràthar air an robh Sir Tòmas, agus tha e air ainmeachadh mar 'Taoitear Chrombaidh' ann an Clàr nan Uachdaran ann an 1587.

B' e aon de na cinn-chinnidh a b' ainmeile Sir Tòmas Urchardainn a bha na sgoilear agus na mharcach fhad 's a bha Teàrlach I agus II nan rìgh. Bha e ga shloinneadh fhèin air ais gu Àdhamh agus Eubha agus dh'eadar-theangaich e Rabelais. Rinn Teàrlach I ridire dheth aig Whitehall agus bha e a' sabaid airson Theàrlaich II aig Worcester ann an 1651. A rèir beul-aithris chaochail e air sgàth cuairt gàireachdaich nuair a bha e a' cumail Là Aisig Rìgh Theàrlaich a Dhà ann an 1660.

Thàinig loidhne fhireann nan ceann-cinnidh gu crìch le bàs a' Chòirnealair Sheumais Urchardainn ann an 1741. Chaidh an ceannas a-null gu Urchardainn Mheldrum, a bha de shliochd Iain Taoiteir, agus bhon àm sin suas gu 1898 b' e Meldrum cathair a' chinnidh"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Urchardainn

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands