Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clann GhilleBhuidhe
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P018
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30836
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Ogilvie

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Ghabh Clann GhilleBhuidhe an ainm bho Ghillebrìde, a bha de shliochd seann Iarlan Aonghais, agus a fhuair baranachd GhilleBhuidhe bho Uilleam an Leòmhann mu 1163. Tha Pàdruig de GhilleBhuidhe a' nochdadh air Clàran Ragman 's e a' bòideachadh gum biodh e dìleas do dh'Eideard I ann an 1296, ach bha an dithis mhac aige a' toirt taic don Rìgh Raibeart Brus. Fhuair iad fearann ann an Aonghas agus bha Clann GhilleBhuidhe nan siorraidhean dùthchasach air Aonghas sa 14mh agus sa 15mh linn. Fhuair an teaghlach baranachd Chortachaidh mu 1370. Bha iad a' sabaid fo Iarla Mhàirr aig Cath Gairbheach ann an 1411 agus na b' anmoiche sa 15mh linn bha Bhaltair MacGhilleBhuidhe na Phrìomh Àrd-ionmhasair na h-Alba. Fhuair a mhac Iain fearann Iarlaidh mu 1459. Tha Iarlan GhilleBhuidhe Findlater agus Rubha Nòis de shliochd Bhaltair, bràthair Iain.

Rinneadh Sir Seumas MacGhilleBhuidhe na Mhorair MacGhilleBhuidhe Iarlaidh ann an 1639. Bha Clann GhilleBhuidhe nan rìoghairean tro na Cogaidhean Sìobhalta agus dh'fhuiling iad air sgàth an dìlseachd. Thugadh Seumas, an 2na Iarla, na phrìosanach aig Filiopfach ann an 1648 agus chuir na Cùmhnantaich binn bàis air ach thàrr e às an oidhche mus robhar a' dol ga chur gu bàs, 's aodach a pheathar air. Bha Clann GhilleBhuidhe an sàs ann an Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745 agus b' fheudar do Mhorair GhilleBhuidhe, mac an 4mh Iarla, teicheadh dhan Fhraing. Fhuair e maitheanas an dèidh sin agus chaidh an Iarlachd a thilleadh.

Bha Clann GhilleBhuidhe cuideachd an sàs ann an connsachaidhean le cinnidhean mun cuairt orra, gu h-àraidh na Lindsaidhean agus na Caimbeulaich. Nuair a dh'fheuch na Caimbeulaich ri 'taigh brèagha Iarlaidh' a sgrios aig toiseach an t-17mh linn, rinn iad dìoghaltas orra le bhith a' cur teine ri Caisteal Gloom, caisteal nan Caimbeulach faisg air Dolair"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clann GhilleBhuidhe

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands