Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac a' Phì
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P019
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30837
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacPhee

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Bha dachaigh aig a' Chloinn Dhuibh no Clann a' Phì, a bha nam meur de Chlann Ailpeine mhòr, air eilean Cholbhsa. Dh'fhaodadh ceangal a bhith aca ri Clann Fhionghuin. Ged a tha tràth eachdraidh a' chinnidh am falach ann an uirsgeulan, tha e coltach gun robh Clann a' Phì nan luchd-gleidhidh dùthchasach air clàran Triathan nan Eilean. Nuair a thuit Tighearnas nan Eilean, chùm Clann a' Phì orra a' leantainn Dòmhnallaich Ìle.

Tha e clàraichte gun d' rinn Dòmhnall MacDhubhaich fianais do chòir-sgrìobhte ann an Inbhir Pheofharain ann an 1463 agus ann an 1531 chuireadh casaid brathaidh an aghaidh Mhurchaidh Mhic a' Phì. Ann an 1609 bha Mac a' Phì Cholbhsa air aon de na prìomh chinn-chinnidh a choinnich Easbaig Knox, riochdaire an rìgh, 's a chuir ainm ri Reachdan ainmeil Idhe. Ann an 1615 chaidh Calum Mac a' Phì Cholbhsa an sàs ann an ar-a-mach Sir Seumas MacDhòmhnaill Ìle. Chaidh Calum agus a luchd-leantainn a thoirt thairis le Colla Mac Gilleasbaig Mhic Dhòmhnaill - Colla Ciotach cliùiteach - do dh'Iarla Earra-Ghàidheal agus tha e coltach gun deach esan a mharbhadh le Colla Ciotach ann an 1623. Chaidh Colbhsa a-null bho Chlann a' Phì gu Clann Dòmhnaill agus an uair sin gu Clann Nèill.

Nuair a chaill Clann a' Phì Colbhsa, sgap iad air feadh Alba. Ghluais cuid gu eileanan eile; thuinich cuid aca ann an sgìre nan Camshronach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac a' Phì

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands