Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgèine
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P020
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30838
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Skene

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Canar Sìol Sgèine no Clann Donnchaidh Mhàirr ris a' chinneadh seo - 's e an aon chinneadh a th' annta. A rèir beul-aithris tha Sìol Sgèine a' dol air ais dhan 11d linn; a rèir aithris shàbhail am mac a b' òige aig MacDhonnchaidh an t-Sruthain beatha an rìgh le bhith a' marbhadh madadh-allaidh le a sgithinn agus mar dhuais fhuair e am fearann air an tugadh Sgàin ann an Siorrachd Obar Dheathain. An dèidh sin bha an teaghlach air an ainmeachadh air an fhearann air an robh sealbh aca.

'S e a' chiad duine a tha clàraichte leis an ainm seo Iain de Sgàin a chuir ainm ri Clàr Ragman ann an 1296. Bha ogha a' sabaid còmhla ri Raibeart Brus, a thug dha cùmhnant sgrìobhte a' stèidheachadh fearann Sgèine na bharanachd. Bha cinn-chinnidh Sgèine mì-fhortanach ann am blàr. Chaidh Àdhamh de Sgàin a mharbhadh aig Cath Gairbheach ann an 1411, chaochail Alasdair aig Flodden ann an 1513, agus chaidh ogha a mharbhadh aig Pinkie ann an 1547. Bha Sìol Sgèine dìleas do Sheumas VI agus do Theàrlach I ach air sgàth na taic sin b' fheudar don cheann-chinnidh teicheadh gu mòr-thìr na Roinn Eòrpa far an tug e seirbheis còmhla ri Gustavus Adolphus. Ann an 1827 chaidh loidhne dhìreach Sìol Sgèine à bith agus chaidh na h-oighreachdan a-null gu Seumas, Iarla Fìobha, mac-peathar no mac-bràthar don Sgàin mu dheireadh de Sgàin. Chaidh ceannas a' chinnidh gu teaghlach Sgàin Hollyands.

Am measg nam prìomh mheuran eile de Shìol Sgèine tha Sìol Sgèine Dheis, Halyards, Chariston, Churriehill agus Rubislaw. Bha Uilleam Foirbeis Sgàin, aon de Shìol Sgèine Rubislaw na eachdraiche cliùiteach a chaidh a dhèanamh na Eachdraiche Rìoghail ann an 1881"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgèine

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands