Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacIomhair
MacIomhair
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P021
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30839
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacIvor

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Thathar a' cumail a-mach gun robh fear Ìomhar a' sabaid anns an arm aig Alasdair II a cheannsaich Earra-Ghàidheal tràth anns an 13mh linn, agus mar dhuais airson na seirbheis aige fhuair e fearann anns an sgìre sin. B' iad Lergachonzie, Aisginis agus Glasaraidh na prìomh àitean air an robh sealbh aig Clann Ìomhair. Canar Donnchadh Aisginis agus Srònsiorraidh ri Donnchadh a bha na cheann-cinnidh mu 1572.

Ann an 1685 chaill Ìomhar Aisginis agus Srònsiorraidh fearann air sgàth 's gun do chuidich e Gilleasbaig, 9mh Iarla Earra-Ghàidheal, anns an ar-a-mach. An dèidh Ar-a-mach 1688 thill Gilleasbaig, an 10mh Iarla, fearann Ìomhair do a mhac, Donnchadh MacÌomhair air chùmhnant gun gabhadh e fhèin 's na h-oighrean aige ainm agus suaicheantas nan Caimbeulach. Mar sin b' e Ìomhar an ceann-cinnidh mu dheireadh a bh' air Clann Ìomhair agus b' e Sir Humfraidh Caimbeul, a chaochail ann an 1818, am fear mu dheireadh de shliochd Donnchadh MacÌomhair Aisginis agus Srònsiorraidh. Tha e coltach gun do dh'fhàg cuid de mheuran an teaghlaich Earra-Ghàidheal 's gun do thuinich iad ann an Loch Abar, Ros an Iar, Gallaibh agus Leòdhas.

Tha e coltach gun do ghabh na dh'fhuirich de Chlann Ìomhair ann an Earra-Ghàidheal an dèidh deireadh an 17mh linn an t-ainm Caimbeul. Chùm cuid de Chlann Ìomhair ann an Ros an Iar ris an ainm a bh' orra, agus ghabh cuid eile an t-ainm Caimbeul. Dh'fhuirich iadsan a chaidh a Leòdhas nan Clann Ìomhair"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacIomhair
MacIomhair

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands