Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Macrath
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P022
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30840
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacRae

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

'S dòcha gu bheil bun eaglaiseil aig an ainm MacRath. Tha e coltach gun robh an cinneadh a' fuireach ann an sgìre na Manachainn anns an 12na linn 's an 13mh linn ach gun do ghluais iad gu Cinn Tàile ann an Ros an Iar san 14mh linn.

Bha Clann MhicRath a' toirt taic dhaingeann do Chlann an Tòisich agus theirte 'lèine mhàilleach Mhic an Tòisich' riutha. Nuair a chuir Clann Dòmhnaill sèiste air Caisteal Eilean Donain ann an 1539 nan oidhirp Tighearnas nan Eilean a thoirt beò a-rithist, tha e air aithris gun do mharbh Donnchadh MacRath Dòmhnall Gorm Shlèite le saighead. An dèidh sin fhuair e fearann Inbhir Ionaid agus mhair sin san teaghlach airson còrr is dà cheud bliadhna. Bha Clann MhicRath nan Constabalan dùthchasach air Caisteal Eilean Donain agus cuideachd nan Seamarlanan air Cinn Tàile agus nam Piocairean air Cinn Tàile. Bha an t-Urr. Fearchar MacRath Inbhir Ionaid na Chonstabal agus na Phiocair air Inbhir Ionaid airson còrr is dà fhichead bliadhna. B' e ogha dha, Donnchadh, a chuir ri chèile làmh-sgrìobhainn ainmeil Feàrnaig (1688-93) anns a bheil dàin Ghàidhlig leis fhèin agus le daoine eile.

Thug Clann MhicRath taic do na Seumasaich aig Blàr Sliabh an t-Siorraidh ann an 1715. Ged nach tàinig iad a-mach nan cinneadh ann an ar-a-mach 1745, ghabh iomadh fear-cinnidh fa leth pàirt air taobh a' Phrionnsa Theàrlaich. Choisinn an cliù a bh' aca mar churaidhean tro na ginealaichean an tiotal 'Clann MhicRath fhiadhaich' dhaibh.
A bharrachd air Clann MhicRath Inbhir Ionaid, tha Clann MhicRath Chonchra agus Clann MhicRath Chluanaidh ann cuideachd"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Macrath

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands