Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P023
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30841
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacPherson

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha an t-ainm Mac a' Phearsain a' ciallachadh mac a' phears'-eaglais. 'S dòcha gum b' e am pears-eaglais Muriach, pears-eaglais ann an Cinn a' Ghiùthsaich san 12na linn, agus b' ann bhon triùir oghaichean aigesan a thàinig trì prìomh theaghlaichean a' chinnidh, teaghlaichean Chluanaidh, Phit Meadhan agus Inbhir Fhèisidh. Thairis nam bliadhnachan, thàinig teaghlach Chluanaidh am bàrr 's e as cudromaiche dhe na trì. Tha Clann a' Phearsain a' cumail a-mach gu bheil an sloinneadh aca a' dol air ais gun bhriseadh gu fear-tòiseachaidh Clann Chatain, agus thairis air na linntean chuir iad an aghaidh ceannas co-chaidreachas Cloinn Chatain a bhith aig Clann an Tòisich.

Fhuair an cinneadh a chuid fearainn ann an Loch Abar airson taic a thoirt do Bhrus an aghaidh nan Cuimeinich. Còmhla ri buill eile de Chlann Chatain, thug iad buaidh air na Camshronaich aig Blàr Inbhir na h-Abhann ann an 1386. Tha iomradh air Clann a' Phearsain ann an clàr nan cinnidhean briste ann an Achd Pàrlamaid 1594. Ann an 1609 chuir ceann-cinnidh Clann a' Phearsain ainm ri bann a' toirt aithne do Mhac an Tòisich mar cheann-cinnidh Clann Chatain, ach b' ann mar cho-chòmhragaichean seach mar ìochdarain a gheall iad a bhith dìleas.

Ann an 1715 thug Clann a' Phearsain taic ann an gnìomh do na Stiùbhartaich agus ann an 1745 thog Eòghann Mac a' Phearsain Chluanaidh 600 fear airson arm a' Phrionnsa Theàrlaich. Cha d' ràinig iad ann an àm gus pàirt a ghabhail ann am Blàr Chùil Lodair ach chuidich Cluanaidh am Prionnsa Teàrlach gun a bhith air a ghlacadh. Anns an sgrios a lean seo, chaidh taigh Chluanaidh a losgadh gu làr agus fad naoi bliadhnachan dh' fhuirich an ceann-cinnidh am falach, air an oighreachd aige fhèin bu mhotha. Theich e mu dheireadh thall dhan Fhraing ann an 1755, far na chaochail e. Chaidh oighreachdan arfuntaichte Chluanaidh a thilleadh ann an 1784 agus chaidh Caisteal Chluanaidh ath-thogail"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac a' Phearsain

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands