Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rothach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P026
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30844
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Munro

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Bha fearann nan Rothach ann an Ros an Ear agus theirte Fearann Dòmhnuill ris, mar chomharra air an fhear bhon tàinig an cinneadh, Dòmhnall o Chathain o linn MhicBheatha. 'S e an t-iomradh as tràithe a tha clàraichte air Rothach Fòghlais, iomradh air Ùisdean a chaochail ann an 1126. Thatar a' smaoineachadh gum b' e ogha do Dhòmhnall a tha ainmichte gu h-àrd.

Aig toiseach an 13mh linn, fhuair Seòras Rothach Fòghlais cùmhnantan sgrìobhte bho Alasdair II, agus na b' anmoiche bha cùmhnant aig Raibeart Fòghlais bho Bhrus agus bha e os cionn nan Rothach aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Phòs Raibeart, 8mh ceann-cinnidh Fòghlais, nighean bràthair no peathar do dh'Oighrig, an nighean aig Iarla Rois agus a' Bhanrigh aig Raibeart II. Bha Raibeart Mòr, an 15mh ceann-cinnidh, na fhear-taic dìleas do Mhàiri, Banrigh na h-Alba.

Ghabh Raibeart, an 18mh ceann-cinnidh, ris an cante Am Baran Dubh, anns an arm aig Gustavus Adolphus agus thog e rèsimeid 700 Rothach a shabaid san t-Suain agus san Danmhairc. Choisinn Raibeart cliù mhòr dha fhèin agus theirte na h-Invincibles ri na saighdearan Rothach. Chaochail Raibeart ann an 1633 agus lean a bhràthair, Eachann Rothach e; rinn Teàrlach I ridire de dh'Alba Nuadh dhethsan ann an 1634.

Bha an 4mh Baran na Chlèireach daingeann agus bha e a' sabaid an aghaidh Sheumais VII ann an 1688. Bha Sir Raibeart Rothach, an 6mh Baran, os cionn an Fhreiceadain Dhuibh aig Blàr Fontenoy ann an 1745. Chaidh e fhèin 's a bhràthair Seòras a mharbhadh aig an Eaglais Bhric ann an 1746 's iad a' sabaid an aghaidh nan Seumasach. Aig àm Ar-a-mach '45 chaidh pàirt de Chaisteal Fòghlais a sgrios agus an dèidh làimhe thòisich an ceann-cinnidh prògram ath-thogail. Chaidh an caisteal a dholaidh aon uair eile ach thàinig Sir Eachann Rothach a-staigh air an oighreachd ann an 1884 agus dh'ath-nuadhaich e an caisteal mar dhachaigh teaghlaich"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rothach

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands