Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacGhilleSheathanaich
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P027
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30845
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Shaw

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Bha Clann GhilleSheathanaich air aon de na buill a bu chudromaiche de cho-chaidreachas Clann Chatain. A rèir a' chinnidh tha iad de shliochd Sheathanaich, mac do dh'Iarla MacDhubhaich Fìobha, a chuidich le bhith a' cur sìos ar-a-mach ann am Moireibh mu 1160 agus rinneadh e na Chonstabal air Caisteal Inbhir Nis. B' ann bhon Sheathanach seo a thàinig Clann an Tòisich cuideachd. Thug Clann an Tòisich agus Clann GhilleSheathanaich taic le chèile do Raibeart Bhrus an aghaidh nan Cuimeinich agus bha iad a' sabaid aig Blàr Allt a' Bhonnaich ann an 1314.

Ann an 1291, phòs Aonghas, 6mh ceann-cinnidh Cloinn an Tòisich, Eubha, ban-oighre Cloinn Chatain. Tha e air aithris gun robh iar-ogha dhaibh, Seathanach Mòr, os cionn Cloinn Chatain aig Blàr na h-Innse a Tuath, ann am Peairt, ann an 1396. Thugadh fearann don Sheathanach seo ann an Ràta Mhurchais agus is dòcha gum b' ann bhuaithesan a thàinig Clann GhilleSheathanaich ann an da-rìreabh. Chaidh Seumas mac Sheathanaich Mhòir a mharbhadh aig Cath Gairbheach ann an 1411 's e a' sabaid airson Triath nan Eilean; lean a mhac, Alasdair Ciar, e. Fhuair Alasdair cùmhnant sgrìobhte air fearann Ràta Mhurchais, ach chailleadh am fearann sin san t-16mh linn. Tha Seathanaich Thòrr an Daraich ann an Srath Nàrann de shliochd Àdhaimh (Ay), bràthair Alasdair. B' iad a chuir an ainm ri Bannan Cloinn Chatain ann an 1543 agus 1609.

Thug Clann GhilleSheathanaich taic don Ghreumach Mhòr (Montrose) agus bha iad a' sabaid airson nan Stiùbhartach ann an 1715, ged a bha iad air an toirt a-steach do Chlann an Tòisich agus Clann a' Phearsain ron àm sin. A rèir coltais cha robh cinn-chinnidh fa leth aca an dèidh mu 1600. Ann an 1970 ged-tà, thug Àrd-sheanachaidh na h-Alba aithne mar cheann-cinnidh do fhear de shliochd seann chinn-chinnidh Cloinn GhilleSheathanaich"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacGhilleSheathanaich

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands