Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac a' Mhaoilein
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P028
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30846
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacMillan

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Canaidh cuid gu bheil Clann a' Mhaoilein ceangailte ri Clann Chatain, agus cuid eile gur ann bho na Bochananaich a tha iad. Tha maoilean a' ciallachadh fear le fhalt air a bhearradh (tonsured), mar sin buinidh Clann a' Mhaoilein do shuidheachadh eaglaiseil bho thùs. Chaidh ceangal a dhèanamh eadar Clann a' Mhaoilein agus fear Gille Crìosd, mac do dh'Easbaig Cormaig. Bha lorg orra ann an sgìre Loch Arceig ann an Loch Abar san 12na linn agus a rèir beul-aithris ghluais Calum IV iad gu fearann a' Chrùin timcheall air Loch Tatha. Mu dhà cheud bhliadhna an dèidh sin chaidh an ruaigeadh a-mach à sgìre Loch Tatha agus sgap iad air feadh Alba.

Ro mheadhan a' 14mh linn, bha iomadh fear de Chlann a' Mhaoilein suidhichte ann an Cnapadal, ach chaidh feadhainn eile na b' fhaide gu deas, agus thuinich meur eile ann an Gallghaidhealaibh. Bha Mac a' Mhaoilein Chnap air aithnneachadh mar cheann-cinnidh. A rèir coltais fhuair Clann a' Mhaoilein Cnap an toiseach bho Thriath nan Eilean, agus bha iad a' sabaid còmhla ri Iain, Triath nan Eilean aig Cath Gairbheach ann an 1411. Leudaich iad an cuid tro phòsadh le ban-oighre de Chlann Nèill agus dh'fhàs iad gu math cumhachdach san sgìre. A rèir aithris thog fear de chinn-chinnidh Cloinn a' Mhaoilein tùr aig Caisteal Suain agus tha Crois Cloinn a' Mhaoilein na seasamh mar chuimhneachan air fear de chinn-chinnidh Cloinn a' Mhaoilein ann an Rèilig Cille Mhoire.

Nuair a chaidh Tighearnas nan Eilean à bith, chaill Clann a' Mhaoilein am fearann aca ann an Cnap. Thuinich meur den chinneadh ann an Loch Abar agus lean iad na cinn-chinnidh Camshronach. Rinn mòran dhiubh eilthireachd a Chanada anns an 19mh linn air sgàth nam Fuadaichean. Tha Clann a' Mhaoilein Ghallghaidhealaibh ainmeil airson an taic a thug iad do na Cùmhnantaich san 17mh linn. Nuair a chaochail am fear mu dheireadh ann an teaghlach cinn-chinnidh Chnap, ghluais an ceannas gu Clann a' Mhaoilein An Dùin Mhòir agus bhuapasan gu meur Lagalgarbh den chinneadh"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac a' Mhaoilein

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands