Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loganach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P029
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30847
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Logan

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha e coltach gun robh dà theaghlach Loganach eadar-dhealaichte ann, fear Gallda agus fear Gàidhealach, ged a bha ceangal eatorra 's dòcha. Tha na faclan 'Logan', 'Laggan' agus 'Logie' a' comharrachadh àite far a bheil lag no bac air neo raon agus tha iad bitheanta air feadh Alba.

B' e Restalrig faisg air Dùn Èideann dachaigh nan Loganach Gallda. B' iad an fheadhainn bu chliùitiche dhiubh sin Sir Raibeart agus Sir Bhaltair Loganach a chaidh a mharbhadh san Spainn ann an 1329 nuair a bha iad a' dèanamh air Tìr a' Gheallaidh le cridhe Raibeirt Bhruis. Na b' anmoiche phòs Sir Raibeart Loganach Restalrig eile nighean le Raibeart II agus thug e còir-sgrìobhte do Dhùn Èideann a thug cead cala Lìte a leudachadh agus a thogail. Fhuair e dreuchd Àrd-mharaiche na h-Alba ann an 1400. Mu dheireidh chaidh Loganaich Restalrig a chur fon choill agus a chur ma sgaoil.

Canar gu bheil na Loganaich Ghàidhealach de shliochd Loganaich Dhruim a Diar ann an Ros an Ear. A rèir beul-aithris chaidh an ceann-cinnidh Gille Gorm a mharbhadh ann an cath an aghaidh nam Frisealach aig Ceiseig. Beagan mhìosan an dèidh sin rugadh mac do bhanntrach Ghille Ghuirm a bha na shagart. Theirte Gille Fhìonain (fear de luchd-leantainn an Naoimh Fhìonain) ris-san no ri aon de mhic agus thug a shliochd urram dha le bhith a' gabhail an ainm Mac Gille Fhìonain, an-diugh MacIllFhinnein, ris an canar Maclennan sa Bheurla. Dh'fhàs Clann Ghill Fhìonain lìonmhor ann an Cinn Tàile agus ann an 1645 chaochail mòran dhiubh aig Blàr Allt Eireann 's iad a' dìon gu gaisgeil bratach MhicCoinnich Shìophort"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loganach

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands