Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac an t-Saoir
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P030
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30848
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacIntyre

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

A reir beul-aithris tha an t-ainm Mac an t-Saoir a' dol air ais gu tràth san 12na linn nuair a bha Somhairle ga stèidheachadh fhèin sna h-Eileanan an Iar. Sa chumantas thathar a' gabhail ris gur ann bhon Ghàidhlig (mac an t-saoir) a tha an t-ainm 's gur dòcha gun do thòisich e ann am barrachd is aon àite. Shuidhich Clann an t-Saoir iad fhèin air fearann torrach Ghleann Nodha làimh ri Loch Eite agus ro dheireadh an 13mh linn bha iad nam forsairean aig Morairean Lathurna.

'S e a' chiad cheann-cinnidh air a bheil iomradh Donnchadh, a phòs nighean le Caimbeul a' Bharra Challtainn agus a chaochail ann an 1695. Rugadh Seumas, a tha air a chlàradh mar an 3mh ceann-cinnidh, mu 1727. Ionnsaich e mu lagh agus bha cliù aige mar sgoilear agus mar bhàrd. Nuair a chaochail athair thill e dhan Bharra Challtainn. Thug a bhean agus a nàbaidhean Caimbeulach air gun taic a thoirt do na Seumasaich ann an ar-a-mach 1745, ach tha e air a ràdh gun robh cuid de Chlann an t-Saoir a' sabaid airson a' Phrionnsa Theàrlaich fo bhratach Stiùbhartaich na h-Apainne.

San 18mh linn bha am màl air fearann Ghleann Nodha air àrdachadh mean air mhean gus mu dheireadh cha b' urrainn do Dhòmhnall, an 4mh ceann-cinnidh clàraichte, a phàigheadh agus rinn e eilthireachd a dh'Ameireaga. Rinn a bhràthair a dhìcheall suas gu 1806 ach an uair sin b' fheudar dhàsan falbh cuideachd. Sgaoil Clann an Tòisich gu iomadh sgìre ann an Alba agus bha iad comharraichte airson a bhith iol-chomasach. Bha cuid nam forsairean, cuid nam breabadairean. Bha cuid nam bàrd agus cuid nam pìobairean cubhaidh. B' e aon de na bàird a b' ainmeile Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a rugadh ann an Gleann Urchaidh ann an 1724. Chaidh a chur dhan phrìosan air sgàth dàn a sgrìobh e an aghaidh Achd Toirmeasgadh an Eìdidh Ghàidhealaich agus chaochail e ann an Dùn Èideann ann an 1812"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac an t-Saoir

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands