Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacIllFhinnein
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P031
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30849
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
MacLennan

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha dlùth cheanglaichean aig Clann IllFhinnein ri Loganaich taobh Sear Rois. A rèir beul-aithris chaidh ceann-cinnidh Loganach air an robh Gille Gorm a mharbhadh ann an cath an aghaidh nam Frisealach aig Ceiseig. Beagan mhìosan an dèidh sin, fhuair banntrach Ghille Ghuirm mac a bha na b' anmoiche na shagart. B' e Gille Fhìonain (fear a bha a' leantainn An Naoimh Fhìonain) a bh' air fhèin air neo air aon dhe mhic agus chùm a shliochd cuimhne air le bhith a' gabhail an ainm Mac Gille Fhìonain, an-diugh MacIllFhinnein, no Maclennan sa Bheurla.

Thuinich Clann IllFhinnein timcheall air Cinn Tàile agus, còmhla ri Clann MhicRath, bha iad nan luchd-leantainn dìleas do Chlann Choinnich. Nuair a chaidh feachdan Cùmhnantach an sàs an aghaidh a' Ghreumaich Mhòir (Montrose) aig Allt Eireann ann an 1645, ghiùlain Clann IllFhinnein suaicheantas Iarla Shìophoirt, ceann-cinnidh Cloinn Choinnich. Rinn iad sabaid gus an deireadh 's iad a' dìon an t-suaicheantais ach mu dheireadh chaidh an leagail le eachraidh nan Gòrdonach.

Cha robh pàirt mòr aig Clann IllFhinnein ann an ar-a-mach nan Seumasach, ged a tha e clàraichte gun deach aon MhacIllFhinnein dheug a chur an grèim an dèidh Chùil Lodair. Nuair a thòisich siostam nan cinnidhean a dhol às a chèile an dèidh Chùil Lodair, rinn mòran de Chlann IllFhinnein eilthireachd. Cuideachd fhuair an teaghlach cliù mar shàr phìobairean"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacIllFhinnein

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands