Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceanadach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P032
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30850
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Kennedy

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha e air aithris gun tàinig an t-ainm Ceanadach bhon t-seann fhacal Ghàidhlig Eireannach 'cinneidigh' a' ciallachadh 'le ceann grànda'. Tha ceangal air a bhith aig a' chinneadh ri Siorrachd Air on 12na linn 's iad a' cumail a-mach gur ann de shliochd Iarlan Charraig a tha iad. Thug na Ceanadaich taic do Bhrus an aghaidh nan Cuimeineach ann an Cogadh na Saorsa agus mar dhuais fhuair iad am fearann aig Cassilis.

Ann an 1372 chaidh Iain Ceanadach Dhùn Iubhair a dhaignicheadh mar cheann-cinnidh le Raibeart II. Phòs e ban-oighre iarlan Charraig agus phòs am mac Seumas Màiri, nighean Rìgh Raibeirt III. Bha dithis mhac aig Seumas agus Màiri: rinneadh aon dhiubh na Thighearna Ceanadach ann an 1457 agus rinneadh am fear eile na Easbaig Chill Rìmhinn, agus tha e air aithris gun do stèidhich e aon de cholaistean an Oilthighe an sin. Ann an 1509 rinneadh an treas Tighearna Ceanadach na Iarla Chassilis ach chaochail e ceithir bliadhna an dèidh sin aig Flodden.

Fhuair grunnan de na h-Iarlan Ceanadach bàs brùideil agus tha cuimhne air feadhainn airson an cuid brùidealachd fhèin an aghaidh dhaoine eile. Tha cuimhne air Gillebrìde, an 4mh Iarla, air sgàth 's gun do ròst e Abaid Chrossraguel gu mall os cionn teine ann an Caisteal Dhùn Iubhair gus toirt air stòras na h-abaid a thoirt thairis. Chroch an 6mh Iarla leannan na mnatha aige air a beulaibh agus chùm e na prìosanach i airson a' chòrr dhe beatha.

Nuair a chaochail an 8mh Iarla gun oighre, chaidh an tiotal gu Ceanadaich Chùl Sian(Culzean) agus bharantaich an 10mh Iarla an t-ailtire ainmeil Raibeart Adam gus Caisteal Chùl Sian a dhealbh. Rinneadh Gilleasbaig, an 12na Iarla, na Bharan Ealasaid (Baron Ailsa) ann an 1806 agus ann an 1831 na Mharcais Ealasaid.

A rèir beul-aithris, theich Ulric Ceanadach à Siorrachd Air gus an lagh a sheachnadh agus thuinich e ann an Loch Abar far an cante Clann Ulric ri shliochd agus thàinig iad gu bhith nam meur de chinneadh nan Camshronach. Bidh Ceanadaich à sgìrean eile den Ghàidhealtachd gan sloinneadh fhèin air a' mheur seo dhen teaghlach"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceanadach

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands