Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stiùbhart
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLII_P033
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30851
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh chinnidhean
tachartasan chinnidhean
tartain
Stewart

"Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh mar chuimhneachan ceud bliadhna air Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e dealbhaichte le Raibeart R MacIain.

Tha na Stiùbhartaich de shliochd teaghlaich Shasannaich-Nòrmanaich; rinneadh fear den teaghlach seo na Àrd Stiùbhard Dùthchasach na h-Alba le Daibhidh I mu 1140 agus fhuair e oighreachdan ann an Siorrachd Rinn Friù. Fhuair a shliochd fearann ann an Cinn Tìre, Arainn agus Bòd. Thug Seumas, an 5mh Àrd-stìubhard, taic do dh'Uilleam Uallas agus do Raibeart Bhrus anns an t-strì airson saorsa do dh'Alba. Phòs Bhaltair, an 6mh Àrd-stìubhard, Marsaili, nighean Raibeirt Bhruis, agus bhuapasan thàinig Teaghlach Rìoghail nan Stiùbhartach. Tha loidhne nan Stiùbhartach a' leantainn ann an teaghlach rìoghail Bhreatainn gus an là an-diugh.

B' ann ann an Siorrachd Rinn Friù a bha a' chiad agus a' phrìomh chathair aig na Stiùbhartaich, ach chaidh meuran dhiubh a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd an Iar agus ann an Siorrachd Pheairt, nam measg Stiùbhartaich Latharna, Stiùbhartaich Athaill agus Stiùbhartaich Both Chuidir. Tha Stiùbhartaich Athaill de shliochd dìreach aon de na Stiùbhartaich leis a' mhì-chliù as miosa sa 14mh linn, 's e sin Alasdair Stiùbhart, Iarla Bhuchain, ris an canar 'Madadh-allaidh Bhàideanaich'. Na b' anmoiche, chante Fir Athaill ri shliochd agus thug iad ùmhlachd do dh'Iarlan Moireibh Athaill.

À Stiùbhartaich Latharna dh'èirich Stiùbhartaich na h-Apainne, a thàinig gu bhith aithnichte mar phrìomh mheur a' chinnidh air Ghàidhealtachd. Bha iad a' sabaid aig Blàr Phinkie ann an 1547 fo Dhòmhnall Stiùbhart Inbhir na h-Aidhle, ris an cante Dòmhnall nan Òrd. Thug iad taic don Ghreumach Mhòr (Montrose) aig Inbhir Lòchaidh agus bha iad a' sabaid cuideachd aig Blàran Allt Èireann agus Cill Saidhe. Chuireadh ceann-cinnidh na h-Apainne fon choill agus chaidh na h-oighreachdan aige arfuntachadh, ach chaidh an tilleadh thuige air Là Aisig Rìgh Theàrlaich a Dhà. Bha an cinneadh a' sabaid airson Dhùn Dèagh ann an 1688 agus airson nan rìghrean Stiùbhartach tro àm nan Seumasach. Chaidh mòran Stiùbhartaich a chall aig Cùil Lodair, agus an dèidh seo chaidh Caimbeulach a chur mar sheumarlan air na h-oighreachdan Stiùbhartach arfuntaichte. Bidh cuimhne gu bràth air a mhurt ann an 1752 air sgàth an nobhail aig Raibeart Louis Stevenson, 'Kidnapped'.

Chithear ainm a chinnidh air a litreachadh Stuart seach Stewart uaireannan, atharrachadh a thug Màiri Banrigh na h-Alba a-staigh 's dòcha"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stiùbhart

1840an

èideadh Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh chinnidhean; tachartasan chinnidhean; tartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands