Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caimbeulaich Bhràghad Albainn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P001
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30852
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Campbell of Breadalbane

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain

Tha eachdraidh Caimbeulaich Bhràghad Albainn a' dol air ais chun a' chiad Mhorair Caimbeul, Sir Cailean, an dara mac aig Sir Donnchadh Caimbeul. Fhuair e seilbh air an treas cuid de dh' oighreachd Latharna nuair a phòs e a' Bhaintighearna Marsaili Stiùbhart. Fhuair e Gleann Lochaidh bho athair ann an 1432 agus thog e Caisteal Chaol a' Chùirn ann an 1440. Chuir sliochd Shir Cailein ri fearann an teaghlaich, a' gabhail a-steach Gleann Lìomhann, Fionn Làirig agus talamh eile ann an Siorrachd Pheairt is Earra-Ghàidheal. Thug Sir Iain Caimbeul, 11mh Morair Caimbeul, Mac Chailein Mhic Dhonnchaidh, taic do Rìgh Teàrlach II. Thugadh an tiotal Iarla Ghallaibh dha ann an 1677. Chuir Mac na Ceàrdaich, fear Chèis an aghaidh a' cho-dhùnaidh seo agus dhaingnich e gur ann leis-san a bu chòir iarlachd Ghallaibh a bhith agus air an adhbhar sin, chaidh an tiotal Iarla Bhràghad Albainn a thoirt don Chaimbeulach ann an 1681. Ann an 1896 chaidh Iain, 14mh Iarla Bhràghad Albainn a dhèanamh na bharan aig ìre na RA leis an tiotal Marcas. Chaochail Iain, an dara Marcais agus an 5mh Iarla gun shliochd agus chaidh Marcaiseachd Bhràghad Albainn agus Iarlachd Ormelie à bith. Fhuair Sir Iain Alasdair Gabhan Caimbeul, 6mh Iarla Bràghad Albainn na tiotalan Albannach. Rinneadh Marcais Bhràghad Albainn de a mhac, Gabhan, an 6mh Iarla, ann an 1855 ach chaochail esan gun shliochd cuideachd ann an 1922. Chaidh a' Mharcaiseachd à bith agus chaidh na tiotalan Albannach gu mac a pheathar no a bhràthar, Iain Eideard Herbert Caimbeul, an t-8mh Iarla, a chaochail ann an 1923. Tha Caisteal Bhealaich, prìomh chathair Taigh Bhràghad Albainn, a-nis na thaigh-òsta ach tha oighreachdan mòra aig an Iarla fhathast. Tha iomadh meur-fala aig Taigh Bhràghad Albainn. Is iad Caimbeulaich Ghleann Lìomhann, agus Tighearnan Bharra Calltainn an fheadhainn as cliùitiche

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caimbeulaich Bhràghad Albainn

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain <br /> <br /> Tha eachdraidh Caimbeulaich Bhràghad Albainn a' dol air ais chun a' chiad Mhorair Caimbeul, Sir Cailean, an dara mac aig Sir Donnchadh Caimbeul. Fhuair e seilbh air an treas cuid de dh' oighreachd Latharna nuair a phòs e a' Bhaintighearna Marsaili Stiùbhart. Fhuair e Gleann Lochaidh bho athair ann an 1432 agus thog e Caisteal Chaol a' Chùirn ann an 1440. Chuir sliochd Shir Cailein ri fearann an teaghlaich, a' gabhail a-steach Gleann Lìomhann, Fionn Làirig agus talamh eile ann an Siorrachd Pheairt is Earra-Ghàidheal. Thug Sir Iain Caimbeul, 11mh Morair Caimbeul, Mac Chailein Mhic Dhonnchaidh, taic do Rìgh Teàrlach II. Thugadh an tiotal Iarla Ghallaibh dha ann an 1677. Chuir Mac na Ceàrdaich, fear Chèis an aghaidh a' cho-dhùnaidh seo agus dhaingnich e gur ann leis-san a bu chòir iarlachd Ghallaibh a bhith agus air an adhbhar sin, chaidh an tiotal Iarla Bhràghad Albainn a thoirt don Chaimbeulach ann an 1681. Ann an 1896 chaidh Iain, 14mh Iarla Bhràghad Albainn a dhèanamh na bharan aig ìre na RA leis an tiotal Marcas. Chaochail Iain, an dara Marcais agus an 5mh Iarla gun shliochd agus chaidh Marcaiseachd Bhràghad Albainn agus Iarlachd Ormelie à bith. Fhuair Sir Iain Alasdair Gabhan Caimbeul, 6mh Iarla Bràghad Albainn na tiotalan Albannach. Rinneadh Marcais Bhràghad Albainn de a mhac, Gabhan, an 6mh Iarla, ann an 1855 ach chaochail esan gun shliochd cuideachd ann an 1922. Chaidh a' Mharcaiseachd à bith agus chaidh na tiotalan Albannach gu mac a pheathar no a bhràthar, Iain Eideard Herbert Caimbeul, an t-8mh Iarla, a chaochail ann an 1923. Tha Caisteal Bhealaich, prìomh chathair Taigh Bhràghad Albainn, a-nis na thaigh-òsta ach tha oighreachdan mòra aig an Iarla fhathast. Tha iomadh meur-fala aig Taigh Bhràghad Albainn. Is iad Caimbeulaich Ghleann Lìomhann, agus Tighearnan Bharra Calltainn an fheadhainn as cliùitiche