Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacGilleBhràth
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P004
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30855
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Seumasaich
MacGillivray

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar den bheachd gur ann às a' A' Mhorbhairn agus à Loch Abar a bha Clann MhicIlleBhràth bho thùs. Bha Clann MhicIlleBhràth air fear de na prìomh chinnidhean aig àm Shomhairle. Bho àm tràth, ge-tà, bha prìomh mheur a' chinnidh air aithneachadh mar phàirt de cho-bhann Clann Chatain. Thathar ag ràdh gum b' e GilleBhràth prìomh athair a' chinnidh. Chuir GilleBhràth e fhèin fo chùram Fhearchair (Ferquhard), 5mh ceann-cinnidh Clann an Tòisich mun bhliadhna 1268. Tha iomradh air fear de shliochd GhilleBhràth a rinn sabaid airson Clann an Tòisich ann am blàr an aghaidh nan Camshronach ann an Drumlui anns na 1330an.

Chaidh am meur seo de chlann MhicIlleBhràth a dh'fhuireach a Dhùn Mac Glais, an ear air Inbhir Nis, agus ann an 1626, fhuair Fearchar (Ferqhuhar) MacIlleBhràth na còraichean oighreachail air an talamh bho Chaimbeulaich Bhoga Chaladair. Chluich Clann MhicIlleBhràth pàirt nochdte ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus ann an 1745. Thagh a' Bhaintighearna Anna Nic an Tòisich Alasdair MacIlleBhràth gus rèisimeid Clann Chatain a stiùireadh an àite a' chinn-cinnidh, a bha na neach-taic dìleas do na Hanòbhaireanaich. Rinn an rèisimeid sabaid chliùiteach ach chaill Alasdair a bheatha, cho math ri mòran de na fir-cinnidh aige, aig Blàr Chùil Lodair. Chaidh a chorp a lorg faisg air tobar air a bheil an t-ainm 'Tobar nam Marbh' chun an latha an-diugh. Rinn cuid de na cinnidhean eilthireachd do thaobh eile a' chuain siar às dèidh Chùil Lodair.

Bha an t-ainm MacAonghais air na daoine bho chlann MhicIlleBhràth a bha air fhàgail ann an Loch Abar. Cha b'e cinn-cinnidh Clann Chatain a leanadh iad ach Clann MhicDhùghaill Chreiginis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacGilleBhràth

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdraidh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands