Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clann Ràghnaill
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P005
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30856
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Seumasach
Seumasaich
MacDonald of Clanranald

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Ann an 1371 thug Iain Ìle, a' chiad Tighearna nan Eilean, a' mhòr-chuid den talamh a fhuair a bhean Amy NicRuairidh don mhac bu shine aige, Raghnall, mar dhìleib. Bha an talamh seo a' gabhail a-staigh Arasaig, Mùideart, Mòrar agus Cnòideart air tìr-mòr agus Uibhist, Beinn na Faoghla, na Hearadh agus cuid de na h-Eileanan Beaga. Cha deach ceannas Chlann Dòmhnaill do Raghnall ge-tà, ach don leth-bhràthair a b' òige aige, Dòmhnall. Chaochail Raghnall ann an Caisteal Tioram, cathair an teaghlaich, ann an 1386 agus chaidh a leantainn le a mhac a bu shine, Ailean. Dh'aonaich Ailean le meuran eile de Chloinn Dòmhnaill anns an oidhirp aca gus Iarlachd Rois fhaighinn air ais.

Bha Ailean, an 4mh Ceann-cinnidh, an ceann ruaig ann an Loch Abar is Bàideanach ann an 1491. Chaidh Caisteal Inbhir Nis a ghlacadh mar phàirt den ruaig seo. Chaidh Dùghall, an 6mh Ceann-cinnidh a mhurt le a luchd-cinnidh fhèin mar thoradh air a riaghladh ainneartach. Chaidh a mhic a chasg bhon cheannas-cinnidh agus chaidh an ceannas-cinnidh gu uncail Dhùghaill, Alasdair, a thug an t-ainm 'Caiptean Clann Raghnaill' air fhèin. Ged a bha iomadh mac aige bho bhith pòsta trì tursan, thagh Alasdair a mhac dìolain, Iain Mùideartach mar neach-ionaid oir bha e den bheachd gum b'esan an ceannard cogaidh a b' fheàrr don chinneadh. Chaidh inbhe mar mhac dligheach a thoirt dha tro achd bhon Chomhairle Dhìomhair air 15 Faoilleach 1531 agus ann an 1544, bha a' chlann soirbheachail fo a stiùir aig Blàr Cheann Lochaidh (Blàr nan Lèintean) an aghaidh nam Frisealach.

Bha Ailean, 14mh Ceann-cinnidh Clann Raghnaill an ceann a' chinnidh aig Cath Raon Ruairidh, nuair nach robh e ach 16 bliadhna a dh'aois. Chaidh a mharbhadh aig Sliabh an t-Siorraim ann an 1715. Chruinnich Raghnall Òg Clann Raghnaill an cinneadh airson a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart ann an 1745. Theich e don Fhraing às dèidh Chùil Lodair ach fhuair e cead a thilleadh a dh'Alba ann an 1754. Bha aig a' chinneadh ri an oighreachdan air fad a reic tràth anns an naoidhamh linn deug mar thoradh air an dòigh-beatha ana-caithteach aig Raghnall Seòras, am 20mh Ceann-cinnidh. Chaidh an sìol dìreach à bith às dèidh bàs Aonghais Ruairidh, an 23mh Ceann-cinnidh Clann Raghnaill ann an 1944 agus chaidh an ceannas-cinnidh gu Raghnall Alasdair Dòmhnallach, Fear Bhaghasdail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clann Ràghnaill

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Seumasach; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands