Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Siosalach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P006
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30857
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Seumasach
Seumasaich
Chisholm

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha dearbhadh ann gu robh Siosalaich anns an Crìochan anns an 13mh linn. Tha an t-ainm a' tighinn às an Fhrangais Normanaich ''Chese' (a tha a' ciallachadh 'a thaghadh') agus às an t-seann Bheurla 'holm' (dail). Bha am fearann aca ann an Siorrachd Rosbroig.

Chaidh Robert de Chisholme a shuidheachadh mar mhaor-sìth Caisteal na Sròine ann an 1359. Bha Dàibhidh II air ridire a dhèanamh dheth agus chaidh a ghlacadh mar phrìosanach aig Cath Nevilles Cross ann an 1346. Chaidh a shaoradh air èirig agus rinneadh siorram Inbhir Nis agus Justiciar a' Chinn a Tuath dheth. Phòs a mhac Alasdair, Mairead, ban-oighre Earghlais. Is e Caisteil Earghlais a chleachdte mar chathair a' chinnidh às dèidh dhaibh an oighreachd a shealbhachadh. Bha an teaghlach dìcheallach don Eaglais Chaitligich rè bhliadhnaichean tràtha an Ath-leasachaidh, agus thàinig triùir Easbaigean Dhùn Bhlàthain ann an sreath à Siosalaich a' Chrom Leac ann an Siorrachd Pheairt.

Chaidh na Cinn-chinnidh nam Pròstanaich san t-17mh linn ach dh'fhuiling iad an Eaglais Chaitligeach fhathast. Ghabh Ruairidh MacIain Siosalach pàirt gnìomhach ann an ar-a-mach 1715 agus bha Siosalach Chrocfin an ceann 200 fir-cinnidh aig Blàr Sliabh an t-Siorraim. Chaill iad còir air an oighreachd don chrùn is chaidh a reic, ach chaidh maitheanas a thoirt dhaibh ann an 1727 agus chaidh a' mhòr-chuid a cheannach air ais bho MhacCoinnich, Fear Alain. Ann an 1745, chaidh Ruairidh, fear de mhic a' chinn-chinnidh, ainmeachadh mar chòrnaileir ann am buidheann-catha ann an arm a' Phrìonnsa, Teàrlach Eideard Stiùbhart.

Cleas iomadh ceann-cinnidh eile ann am meadhan an 18mh linn, dh'fheuch Ruairidh, an 22mh ceann-cinnidh ri barrachd airgid a thogail tro bhith ag àrdachadh màl an luchd-gabhail. Rinn mòrranden luchd-cinnidh imrich a-null thairis mar thoradh air seo. Bha barrachd eilthireachd ann nuair a chuir Uilleam, an 24mh Ceann-cinnidh, a' mhòr-chuid de thalamh an teaghlaich gu feum mar thalamh ionaltraidh do chaoraich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Siosalach

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Seumasach; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands