Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacFhionghain
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P008
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30859
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart, Stiùbhartaich
Seumasaich
MacKinnon

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Gu traidiseanta, thathar ag ràdh gur ann o shliochd Fhionghain a tha Clann MhicFhionghain. B'e Fionghain ogha Ghriogair, mac Ailpein 34mh rìgh Dhàl Riata. Chaidh e a dh'Eilean Muile le a luchd-leanmhainn agus bha talamh aige san Eilean Sgitheanach agus ann an Arainn cuideachd.

Bha talamh ann am Muile aig Findanus, an 4mh ceann-cinnidh cuideachd agus fhuair e Dùn Àcainn, dùn aig an robh smachd air a' chaol eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr cuideachd mun bhliadhna 900. Chuir Clann MhicFhionghain slabhraidh làidir tarsaing a' chaolais agus bha aig longan a bha dol seachad ri cìs a phàigheadh. Chruinnich longan Rìgh Àcain IV faisg air Dùn Àcain ann an 1263 ro Bhlàr na Leargaidh Gallda, am blàr a thug an smachd Lochlannach air na h-eileanan gu ceann. Thug Fionghainich Arainn fasgadh do Raibeart Brùs nuair a bha e na fhògarrach agus chuidich iad e nuair a bha e a' teiche a Charraig. Às dèidh don Bhrusach buannachadh aig Blàr Allt a' Bhonnaich, chaidh talamh san Eilean Sgitheanach a thoirt dhaibh agus shuidhich iad cathair a' chinnidh ann an Caisteil Dunringall .

Nuair a chaochail Iain, Tighearna nan Eilean ann an 1380, thòisich ceann-cinnidh nam Fionghaineach ar-a-mach gus an rachadh a mhac Iain Mòr MacFhionghain às a dhèidh mar Tighearna nan Eilean. Cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus chaidh an ceann-cinnidh a chur gu bàs. Chaidh maitheanas a thoirt do a mhac às dèidh greis, ge-tà agus stèidhich e Clann Dòmhnaill a Deas. Chaill an cinneadh tòrr den talamh aca ann am Muile mar thoradh air strì le an nàbaidhean - Clann MhicillEathain. Rinneadh Baranachd de dh'oighreachdan MhicFhionghain le Teàrlach I.

Bha Clann MhicFhionghain dìleas do na Stiùbhartaich agus shàbaid iad fo Dhiùc Mhon Rois aig blàran Allt Èireann is Inbhir Lochaidh. Ann an1651, thug feachd às a' chinneadh taic do dh'fheachdan Theàrlaich II aig Blàr Worcester. Chaidh bràthair a' chinn-cinnidh, Dòmhnall, a ghlacadh agus chaidh a chur chun a' Charibbean . Bha Clann MhicFhionghain cuideachd an sàs gu mòr ann an ar-a-mach Seumasach 1715 is 1745 agus chaidh an oighreachd a thoirt air falbh ann an 1765 mar thoradh air seo. Chan eil oighreachd air a bhith aig Clann MhicFhionghain bhon uair sin.

Chaochail an ceann-cinnidh mu dheireadh ann am bochdainn, agus gun shliochd ann an 1808. Rinneadh ceann-cinnidh de dh'Uilleam Alasdair MacFhionghain, dubh-ogha Dhòmhnaill MhicFhionghain, a chaidh a ghlacadh aig Blàr Worcester

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacFhionghain

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart, Stiùbhartaich; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands