Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacFhearchair
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P009
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30860
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Stiùbhartaich
manrent
Seumasach
Seumasaich
Farquharson

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann o shliochd Fhearchair, an ceathramh mac aig Alasdair MacIlleChiar (Seathach), fear Rata Mhurchais, a tha Clann MhicFhearchair. 'S ann leis-san a bha Bràigh Mhàrr, faisg air màthair-uisge Uisge Dè ann an Siorrachd Obar Dheathain.
B'e Clann MhicFhearchair a bh' air a shliochd agus phòs a mhac, Dòmhnall, Iseabail Stiùbhart, ban-oighre Inbhir Call. B'e mac Dhòmhnaill, Fionnlagh Mòr, fìor phrìomh-athair a' chinnidh agus is e MacFhionnlaigh Mòr a th' air a' cheann-chinnidh sa Ghàidhlig. Chaidh Fionnlagh Mòr a mharbhadh ann an 1547 aig Blàr Phinkie far an robh e na neach-giùlain airson na brataich rìoghail. Bho linn Fhionnlaigh Mhòir, dh'fhàs an cinneadh na bu threasa. Chaidh meuran cudromach eile a stèidheachadh tron naoinear mhac a bh'aige tron dà phòsadh aige. Mus robh Fionnlagh Mòr ann, b'e Clann Fhearchair an t-ainm a bh' air a' chinneadh (Clan Erachar no Earachar anns a' Bheurla) ach is e Clann MhicFhearchair (no MacEarachar anns a' Bheurla) a bha air meuran a' chinnidh, gu h-àraid air an fheadhainn a bha stèidhichte ann an Athall. Dh'atharraich ainm Beurla sliochd Fhionnlaigh Mhòir air a' Ghalldachd bho MacKinlay gu Finlayson. A chionn 's gu robh Clann MhicFhionnlaigh na bu laige na cuid de na nàbaidhean aca, dh'aonaich iad ri co-chaidreachas Clann Chatain tro chùmhnant ùmhlachd do cheann-cinnidh Clann Mhic an Tòisich.

Gach turas a rachadh an Crann Tara tro ghleanntan Bràigh Dhè, chruinnicheadh muinntir a' chinnidh aig Càrn a' Chuimhne aig bun Ghleann Feardar. Thathar ag ràdh gu robh an càrn seo ann mar thoradh air cleachdadh far am biodh gach fear a bha air a ghairm a' toirt clach leis agus ga fàgail faisg air a' chàrn. Nuair a thilleadh iad às a' bhlàr, thogadh gach duine a bha air tighinn air ais bhon chath clach agus bheireadh e air falbh i. Bhiodh na clachan a bhiodh air fhàgail an uair sin air an cunntadh gus obrachadh a-mach cia mheud duine a bha air bàs fhaighinn agus bhiodh iad an uair sin air an cur ris a' chàrn. Mar sin, tha gach clach a' riochdachadh neach-cinnidh a fhuair bàs a' sabaid airson a' chinnidh.

A chionn 's gu robh cliù aig a' chinneadh airson a bhith fiadhaich, b' e na 'fighting Farquharsons' a chanadh daoine riutha anns a' Bheurla. Bha iad nan luchd-taic daingeann dha na Stiùbhartaich. Shabaid Dòmhnall MacFhearchair, fear Mòine Ailtridh còmhla ri Diùc Mhon Rois ann an 1644 agus Teàrlach II ann am Worchester ann an 1651. Bha iad nam pàirt de rèisimeid Clann Chatain ann an 1715 agus, rè ar-a-mach 45, bha dà bhuidhinn-catha aca: tè de Fearcharaich Bhaile Mhoireil agus tè eile air a stiùireadh le Francis MacFhearchair, fear Mòine Ailtridh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacFhearchair

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Stiùbhartaich; manrent; Seumasach; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands