Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mèinnearach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P010
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30861
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart, Stiùbhartaich
Seumasach
Seumasaich
Menzies

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann à Mesnieres ann an Normandy a bha an teaghlach Normanach a dh' atharraich ainm bho Mhesnieres gu Manners às dèidh dhaibh a dhol a Shasainn. B' e Anketillus de Maynoers a' chiad duine a chlàradh leis an t-sloinneadh, rè linn Uilleam Leòmhann (1143-1214). Chaidh Sir Raibeart de Meyneris fhastadh mar sheamarlan ann an cùirt Alasdair II agus thugadh talamh ann an Gleann Lìomhann agus ann an Athall dha. Fhuair a mhac, Alasdair, barrachd talmhainn: Baile a' Chlachain agus Obar Pheallaidh ann an Athall agus Gleann Dochard ann am Bràghad Albainn. Bha a mhac, Sir Raibeart Mèinnearach, na chompanach aig Raibeart Brus agus chaidh talamh ann an Gleann Dochard, Fionnlairig, Gleann Urchaidh agus Durisdeer a thoirt dha mar thoradh air seo. Rinn Seumas IV saor-bharanachd de thalamh nam Mèinnearach ann an 1510.

Bha am Màidsear Donnchadh Mèinnearach, fear Fornock an ceann a' chinnidh aig Cath Raon Ruairidh ann an 1689. Ann an 1715 nuair a ghairm na Stiùbhartaich air na h-ìochdarain dìleas aca ar-a-mach a dhèanamh, chaidh Mèinnearach Culdares a shabaid airson an t-Seann Tagraiche. Chaidh a ghlacadh ann an Dùn Bhlàthain agus bha e na fhògarrach ann an Ameireaga fad iomadh bliadhna.

Tha prìomh chathair a' chinn-cinnidh, Caisteal nam Mèinnearach ann am paraiste Baile a' Chlachain, Siorrachd Pheairt. Tha e faisg air an eaglais. Chaidh seann chathair a' chinnidh, Caisteil Bhaile a' Chlachain, a losgadh le Niall Stiùbhart, fear Fhartairchill às dèidh eus-aonta mu cò leis a bha Raineach. Chaidh Caisteal nam Mèinnearach a ghabhail thairis leis an arm rè an Dara Cogaidh agus chaidh e a-mach à cleachdadh às dèidh làimh. Chaidh a cheannach le Comann a' Chinnidh ann an 1958 agus chaidh a dhèanamh suas as ùr bhon uair sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mèinnearach

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart, Stiùbhartaich; Seumasach; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands