Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dubhaich
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P011
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30862
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
MacDuff

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar a' creidsinn gur ann bhon fhacal Cheilteach 'Dubh', a bha air a chleachdadh airson Gàidheil sam bith le falt is tuar dorcha, a thàinig an t-ainm Dubhaich no Duff anns a' Bheurla. A-rèir beul-aithris, b'e MacDhubhaich, a' chiad Iarla Fhìobha, an Dubhaich a chuir an aghaidh MhicBeatha agus a thug taic do Chalum anns an oidhirp aige gus crùn na h-Alba fhaighinn. Nuair a chaidh Calum a stèidheachadh mar rìgh, thug e inbhe mar Iarlan do Thanes na rìoghachd agus mar sin, chluich na Dubhaich pàirt cudromach ann an gnothaichean na h-Alba, a' gabhail a-staigh a bhith a' crùnadh an rìgh agus a bhith an ceann arm na h-Alba. B'e Donnchadh, 12mh Iarla Fhìobha, a chaidh a mharbhadh ann an 1353, an t-iarla mu dheireadh à sloinneadh dìreach nan seann thane, ach anns na linntean às dèidh seo, chluich na Dubhaich (an dà chuid an fheadhainn air an robh Duffs agus air an robh MacDuffs anns a' Bheurla) pàirt nochdte ann an gnothaichean na dùthcha.

Chaidh meuran eile de Chlann MhicDhubhaich a stèidheachadh ann an Obar Dheadhain agus faisg air Banbh agus Inbhir Nis. Aig àm cogaidh, bhiodh iad daonnan còmhla ri an luchd-cinnidh, Clann Mac an Tòisich Clann Chatain. Chaidh ceann-cinnidh eile, Uilleam MacDhubhaich, fear Bhanbh, àrdachadh don mhoraireachd Èireannaich mar Bharan Braco Kilbride agus rinneadh Iarla Fhìobha agus Biocas MhicDhubhaich dheth cuideachd ann an 1759. Thog na h-Iarlan Dubhaich Taigh Dubhaich faisg air Banbh agus stèidhich iad am baile air a bheil Dufftown anns a' Bheurla ann an 1817. Phòs Alasdair, an siathamh Iarla a' bhana-phrionnsa Louise, nighean Rìgh Eideard VII ann an 1889 agus rinneadh Diùc Fhìobha dheth. Chaochail e ann an 1912 agus lean a nighean a' bhana-phrionnsa Alexandra Victoria, a phòs Artair, Prionnsa Chonnacht

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dubhaich

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain. <br /> <br /> Thathar a' creidsinn gur ann bhon fhacal Cheilteach 'Dubh', a bha air a chleachdadh airson Gàidheil sam bith le falt is tuar dorcha, a thàinig an t-ainm Dubhaich no Duff anns a' Bheurla. A-rèir beul-aithris, b'e MacDhubhaich, a' chiad Iarla Fhìobha, an Dubhaich a chuir an aghaidh MhicBeatha agus a thug taic do Chalum anns an oidhirp aige gus crùn na h-Alba fhaighinn. Nuair a chaidh Calum a stèidheachadh mar rìgh, thug e inbhe mar Iarlan do Thanes na rìoghachd agus mar sin, chluich na Dubhaich pàirt cudromach ann an gnothaichean na h-Alba, a' gabhail a-staigh a bhith a' crùnadh an rìgh agus a bhith an ceann arm na h-Alba. B'e Donnchadh, 12mh Iarla Fhìobha, a chaidh a mharbhadh ann an 1353, an t-iarla mu dheireadh à sloinneadh dìreach nan seann thane, ach anns na linntean às dèidh seo, chluich na Dubhaich (an dà chuid an fheadhainn air an robh Duffs agus air an robh MacDuffs anns a' Bheurla) pàirt nochdte ann an gnothaichean na dùthcha. <br /> <br /> Chaidh meuran eile de Chlann MhicDhubhaich a stèidheachadh ann an Obar Dheadhain agus faisg air Banbh agus Inbhir Nis. Aig àm cogaidh, bhiodh iad daonnan còmhla ri an luchd-cinnidh, Clann Mac an Tòisich Clann Chatain. Chaidh ceann-cinnidh eile, Uilleam MacDhubhaich, fear Bhanbh, àrdachadh don mhoraireachd Èireannaich mar Bharan Braco Kilbride agus rinneadh Iarla Fhìobha agus Biocas MhicDhubhaich dheth cuideachd ann an 1759. Thog na h-Iarlan Dubhaich Taigh Dubhaich faisg air Banbh agus stèidhich iad am baile air a bheil Dufftown anns a' Bheurla ann an 1817. Phòs Alasdair, an siathamh Iarla a' bhana-phrionnsa Louise, nighean Rìgh Eideard VII ann an 1889 agus rinneadh Diùc Fhìobha dheth. Chaochail e ann an 1912 agus lean a nighean a' bhana-phrionnsa Alexandra Victoria, a phòs Artair, Prionnsa Chonnacht