Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Guinne
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P012
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30863
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Gunn

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann o shliochd Lochlannach a tha na Guinnich. 'S ann ann an Gallaibh is Cataibh a bha fearann nan Guinneach. Bha iad den bheachd gur ann o shliochd Ghunni, a bha iad. Thathar a' creidsinn gur e an dara mac aig Olav Dubh, Rìgh Lochlannach Mhanainn agus nan Eilean a chaochail mun bhliadhna 1237, a bh' ann an Gunni. Chan eil dearbhadh sam bith ann airson seo ge-tà agus tha co-dhiù dà sgeulachd ann mu thùs a' chinnidh, stèidhichte air dithis Lochlannach eile air an robh Gunni cuideachd. B' e birlinn an seann shuaicheantas a bh' aig a' chinneadh mar shamhla air a' bhan-dia Lochlannach Freva. Tha cuid den bheachd gur ann às an fhacal Lochlannach 'gunnr', a tha a' ciallachadh cogadh, a thàinig an t-ainm Guinne. Tha an facal seo gu math iomchaidh oir tha eachdraidh a' chinnidh làn cogaidh, còmhstri agus connsachadh le an nàbaidhean - cinnidhean na bu mhotha na na Guinnich. Bha connsachadh ann fad iomadh bliadhna eadar na Guinnich agus an nàimhdean, na Ceitich. Thòisich seo nuair a chaidh nighean à teaghlach Ghuinne a' Bhràigh Mhòir a thoirt am bruid agus bha iomadh cath fuilteach ann eadar an dà chinneadh. Chaidh coinneamh ainmeil a ghairm aig St. Tears (Tayres) ann an 1464, mar oidhirp gus cùisean a rèiteach eadar an dà thaobh. Bha 12 mharcaichean gu bhith ann à gach cinneadh; ach a-rèir uirsgeil, nochd na Ceitich le dithis air gach each agus chasgair iad na Guinnich. Bha an ceann-cinnidh, Seòras Guinne, Am Breisteach Mòr, am measg an fheadhainn a fhuair bàs. 'S ann o shliochd a mhic a tha a' mhòr-chuid de iar-chlann nan Guinneach.

Bha ceithir prìomh mheuran ann an Clann Guinne. Chaidh mic a' Bhreistich Mhòir, Seumas, Uilleam agus Eanraig, a dh'fhuireach faisg air Strathullie ann an Cataibh mar Ghuinnich MhicSheumais; dh'fhan Raibeart ann an sgìre Bràigh Mhòir is Latharain ann an Gallaibh agus stèidhich e Guinnich a' Bhràigh Mhòir (no na Robson Gunns); stèidhich mic Iain Ghuinnich Bregaul à Dale; stèidhich Eanraig an ceathramh meur, Guinnich MhicEanraig à machair Ghallaibh às dèidh dha Cataibh fhàgail mar thoradh air eas-aonta le Seumas. Bha fearann aig a' mheur seo ann an Hacraig anns an Dail Shuas.

Chaidh mòran dhen luchd-cinnidh a chur a Chanada agus a Shealan Nuadh rè fuadaichean Chataibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Guinne

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands