Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac na Ceàrdaich
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P013
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30864
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Statistical Accounts
Sinclair

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha Clann Mhic na Ceàrdaich, no sa Bheurla na Sinclairs no St. Clairs, o slhiochd Normanach. Thugadh talamh ann an Lodainn do dh'Eanraig Mac na Ceàrdaich, fear Rosslyn, ann an 1162. Thugadh Baranachd Rosslyn do fhear de a sliochd, Sir Uilleam, agus shabaid mac Uilleim air taobh a' Bhrusaich aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Rinneadh Iarla Arcaibh de Shir Eanraig eile ann an 1379 agus thugadh Iarlachd Ghallaibh do dh'Uilleam Mac na Ceàrdaich, 3mh Iarla Arcaibh. Ann an 1470, ge-tà, bha aig Iarla Arcaibh is Ghallaibh ri Arcaibh a thoirt seachad ach fhuair e Caisteal Ravenscraig ann am Fìobh na àite.

Fhuair Iarlan Ghallaibh ceannas air cinneadh a bh' ann mar-thà cho math ris an Iarlachd. Bha Clann Mhic na Ceàrdaich an sàs ann an iomadh connsachadh leis na Sutherlanaich, na Guinnich agus le cinnidhean eile. Bha aig Seòras, an 6mh Iarla ris an t-sealbh air fad aige a thoirt do Iain, Mac Chailein Mhic Dhonnchaidh. Nuair a ghabh Sir Iain an tiotal Iarla Ghallaibh air fhèin ann an 1676, chuir Seòras Mac na Ceàrdaich, fear Chèis an aghaidh seo, ach rinn an Caimbeulach a' chùis air ann am batail ann an 1680. A dh'aindeoin seo, ge-tà, cho-dhùin a' Chomhairle Dhìomhair ann an 1681 gu robh còir aig Seòras Mac na Ceàrdaich air an tiotal.

Tha teaghlach Mhic na Ceàrdaich Ulbastair am measg nan teaghlaichean as ainmeile de Mhac na Ceàrdaich . Bha Sir Iain Mac na Ceàrdaich, fear Ulbastair (1754-1838) air fear de na fir-àiteachais bu chliùitiche aig deireadh an ochdamh linn deag is toiseach an naoidhamh linn deug

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac na Ceàrdaich

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Statistical Accounts

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands