- TIOTAL
- Ros
- EXTERNAL ID
- QZP40_82_VOLI_P014
- DEIT
- 1845
- LINN
- 1840an
- CRUTHADAIR
- Robert R McIan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30865
- KEYWORDS
- aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Tha ainm Beurla Clann Anndrais, Clann Rois, a' tighinn o ainm sgìre Siorrachd Rois. B' e Calum, a chaochail mun bhliadhna 1150, a' chiad Iarla air an deach iomradh sgrìobhte a thoirt. Phòs a nighean fear à teaghlach Úi Beolain, an teaghlach on tàinig abachan na Comraich. B'e Fearchar Mac an t-Sagairt an dara Iarla air an deach iomradh sgrìobhte a chlàradh. Thug e taic làidir do dh'Alasdair II agus rinneadh Iarla Rois dheth mun bhliadhna 1234 mar thoradh air seo. Bha Uilleam, ceathramh Iarla a' chinnidh aig Blàr Allt a' Bhonnaich agus chaidh Uisdean, an 5mh Iarla a mharbhadh aig Blàr Halidon Hill ann an 1333. Chaochail fear de na cinn-chinnidh a lean Uisdean gun shliochd fireann agus chaidh an ceannas-cinnidh a thoirt do neach-ionaid san loidhne bhoireann. Dh' adhbhraich seo strì eadar Tighearnas nan Eilean agus an Regent Albany airson na h-Iarlachd. Nuair a chaidh Tighearnas nan Eilean arbhartachadh ann an 1476, chaidh Iarlachd Rois don Chrùn.
Fhuair Uisdean Ros, bràthair an Iarla Rois mu dheireadh, còir sgrìobhe air fearann Bhaile nan Gobhainn ann an 1374 agus fhuair e ceannas a' chinnidh a-rèir lagh nan cinnidhean. B'e Rosaich Bhaile nan Gobhainn, prìomh theaghlaich a' chinnidh fad 3 linntean ach thàinig an loidhne gu crìch nuair a chaochail Dàibhidh Ros, fear Bhaile nan Gobhainn, ann an 1711. Chaidh an oighreachd a thoirt do Rosaich Hawkhead ann an Siorrachd Rinn Friù, ged nach robh càirdeas fala eadar an dà theaghlach. Chaidh an ceannas-cinnidh do Ros Bhaile Chailnidh. Bha na Rosaich air taobh an Riaghaltias aig àm nan ar-a-mach Seumasach ach dh'fhuiling an cinneadh gu mòr aig àm nam fuadaichean nuair a rinn iomadh neach-cinnidh imrich a dh'Ameireaga a Tuath