Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacShimidh (Frisealach)
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P016
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30867
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Fraser

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar a' creidsinn gur ann às na sgìrean Frangach Anjou is Normandy a thàinig an t-ainm Friseal. Tha fios againn gu robh Frisealaich ann an ceann a deas na h-Alba cho tràth ri 1160 oir 's ann anns a' bhliadhna sin a thug Sìm Friseal eaglais ann an Keith ann an Lodainn an Iar do Mhanaich Abaid Chealso. Na b' fhaide air adhart, rè Cogaidhean na Saorsa ghluais na Frisealaich bho na Crìochan gu Siorachdan Shruighlea, Aonghais, Inbhir Nis is Obar Dheathain. Chaidh Sir Sìm Friseal a ghlacadh is e a' sabaid air taobh a' Bhrusaich. Chaidh a chur gu bàs ann an dòigh an-iochdmhor. Phòs Sir Alasdair Friseal, Seamarlan na h-Alba, piuthar a' Bhrusaich, a bha uair na prìosanach aig na Sasannaich is i air a prìosanachadh ann an cèidse. 'S ann o sliochdse a tha Frisealaich Saltoun. B' e fear eile de a sliochd, Sir Alasdair Friseal, a stèidhich a' Bhruaich, no Fraserburgh anns a' Bheurla, tro chòir-sgrìobhte Rìoghail a fhuaras ann an 1592.

'S ann o shliochd Sir Sìm Friseil (bràthair an t-Seamarlain), a phòs a' bhaintighearna Mairead, piuthar Iarla Ghallaibh, a tha Frisealaich MhicShimidh. Fhuair Frisealaich MhicShimidh talamh ann an Srath Fhairgeag, talamh eaglaiseil anns a' Mhanchainn, cuid de oirthir a deas Linne Fharair agus fearann Bisset. Mun bhliadhna 1460, rinneadh a' chiad Mhorair MacShimidh à Uisdean Friseal, an 6mh fear MacShimidh. Chaidh Uisdean eile, an 6mh Morair MacShimidh a mharbhadh aig Blàr nan Lèine ann an 1544, nuair a thug na Frisealaich taic do Raghnall na oidhirp gus ceannas Clann Raghnaill fhaighinn is e a' strì an aghaidh Iain Mùideartach, an tagraiche eile.

Ann an 1715, shabaid an cinneadh le Sir Sìm Friseal air an ceann air taobh an Riaghaltais, ach ann an 1745 thug am Frisealach taic do na Seumasaich agus chaidh a chur gu bàs mar thoradh air seo. Chaidh a dhì-cheannadh air Tower Hill ann an Lunnainn ann an 1747, chaidh an tiotal a mhaslachadh agus chailleadh còir air an oighreachd don Chrùn. Chaidh maitheanas a thoirt do a mhac, Sìm, agus ann an 1757, chruinnich e rèiseamaid de Fhrisealaich airson seirbheis ann an Ameireaga a Tuath. Chaidh an rèisimeid a leigeil mu sgaoil ann an 1763 agus dh'fhuirich mòran de na daoine ann an Ameireaga mar eilthirich. Chaidh rèisimeid Frisealach eile a thogail ann an 1775 agus sgaoil seo ann an 1783. Ann an 1837, chaidh a' Mhoraireachd agus na h-oighreachdan a thoirt air ais don teaghlach, do Thòmas Friseal, Fear Shrath Eachainn. Tha am Morair MacShimidh làitheireil à sliochd Thòmais Friseal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacShimidh (Frisealach)

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands