Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gòrdan
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P017
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30868
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
rèisimeid
rèisimeidean
Gordon

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Is e ainm àite ann an Siorrachd Bhearaig a th' ann an Gòrdan agus thathar ag ràdh gu bheil an teaghlach leis an ainm sin o shliochd Anglo-Normanach. Rinn iad imrich bho na Crìochan do Shiorrachd Obar Dheathain anns a' 14mh linn nuair a chaidh fearann ann an Srath Bhalagaidh a thoirt do Shir Adhamh Gòrdan, fear Hunndaidh, leis an Rìgh, Raibeart Brus. Rinn na Gòrdanaich dachaigh ann, a' toirt an ainm Hunndaidh leotha, agus ann an 1449, rinneadh Iarla Hunndaidh de Shir Alasdair Gòrdon. Rinneadh Marcais den t-6mh Iarla ann an 1599 agus rinneadh Diùc Ghòrdain den 4mh Marcais ann an 1684. Chaidh an tiotal seo a-mach à bith nuair a chaochail 5mh Diùc Ghòrdain gun shliochd ann an 1836. Chaidh a' Mharcaiseachd gu Iarla A-Bèidh agus chaidh an oighreachd gu Diùc Richmond. Rinneadh Diùc Ghòrdon dheth cuideachd ann an 1876. Aig aon am, b' e Clann Ghòrdain fear de na cinnidhean bu chumhachdaiche anns a' cheann a tuath, agus chanadh 'Cock o' the North' ris a' cheann-cinnidh aca.

Nuair a bha Màiri Banrigh na h-Alba na monarc, fhuair na Gòrdanaich ainm mar reubaltaich agus thog Màiri fhèin arm nan aghaidh. Chaidh Iarla Hunndaidh a ghlacadh mar phrìosanach. Ghabh e stròc agus chaochail e fhad 's a bha e na phrìosanach. Chaidh a mhac a ghlacadh agus chaidh a dhì-cheannadh an làthair na Banrigh. Bha na Gòrdanaich air fàs taiceil don Chrùn Albannach ro àm Cogadh nan Easbaig agus fhuair Iarla Mhon Rois buaidh orra aig Drochaid Dhè ann an 1639. Bliadhnaichean às dèidh seo, nuair a dhiùlt Iarla Mhon Rois sabaid air taobh an Darna Cùmhnant Nàiseanta, shabaid an dà chuid Mon Rois agus na Gòrdanaich air taobh an Rìgh. Bha na Gòrdanaich air taobh nan Seumasach ann an ar-a-mach 1715 agus shabaid dà rèisimeid de Ghòrdanaich air taobh a' Phrionnsa Teàrlaich aig Cùil Lodair, ged a bha an treas Diùc a' toirt taic do na Hanòbharaich. Chaidh an rèisimeid air a bheil na Gordon Highlanders a thogail an toiseach leis a' 4mh Diùc Ghòrdain ann an 1794

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gòrdan

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; rèisimeid; rèisimeidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain. <br /> <br /> Is e ainm àite ann an Siorrachd Bhearaig a th' ann an Gòrdan agus thathar ag ràdh gu bheil an teaghlach leis an ainm sin o shliochd Anglo-Normanach. Rinn iad imrich bho na Crìochan do Shiorrachd Obar Dheathain anns a' 14mh linn nuair a chaidh fearann ann an Srath Bhalagaidh a thoirt do Shir Adhamh Gòrdan, fear Hunndaidh, leis an Rìgh, Raibeart Brus. Rinn na Gòrdanaich dachaigh ann, a' toirt an ainm Hunndaidh leotha, agus ann an 1449, rinneadh Iarla Hunndaidh de Shir Alasdair Gòrdon. Rinneadh Marcais den t-6mh Iarla ann an 1599 agus rinneadh Diùc Ghòrdain den 4mh Marcais ann an 1684. Chaidh an tiotal seo a-mach à bith nuair a chaochail 5mh Diùc Ghòrdain gun shliochd ann an 1836. Chaidh a' Mharcaiseachd gu Iarla A-Bèidh agus chaidh an oighreachd gu Diùc Richmond. Rinneadh Diùc Ghòrdon dheth cuideachd ann an 1876. Aig aon am, b' e Clann Ghòrdain fear de na cinnidhean bu chumhachdaiche anns a' cheann a tuath, agus chanadh 'Cock o' the North' ris a' cheann-cinnidh aca. <br /> <br /> Nuair a bha Màiri Banrigh na h-Alba na monarc, fhuair na Gòrdanaich ainm mar reubaltaich agus thog Màiri fhèin arm nan aghaidh. Chaidh Iarla Hunndaidh a ghlacadh mar phrìosanach. Ghabh e stròc agus chaochail e fhad 's a bha e na phrìosanach. Chaidh a mhac a ghlacadh agus chaidh a dhì-cheannadh an làthair na Banrigh. Bha na Gòrdanaich air fàs taiceil don Chrùn Albannach ro àm Cogadh nan Easbaig agus fhuair Iarla Mhon Rois buaidh orra aig Drochaid Dhè ann an 1639. Bliadhnaichean às dèidh seo, nuair a dhiùlt Iarla Mhon Rois sabaid air taobh an Darna Cùmhnant Nàiseanta, shabaid an dà chuid Mon Rois agus na Gòrdanaich air taobh an Rìgh. Bha na Gòrdanaich air taobh nan Seumasach ann an ar-a-mach 1715 agus shabaid dà rèisimeid de Ghòrdanaich air taobh a' Phrionnsa Teàrlaich aig Cùil Lodair, ged a bha an treas Diùc a' toirt taic do na Hanòbharaich. Chaidh an rèisimeid air a bheil na Gordon Highlanders a thogail an toiseach leis a' 4mh Diùc Ghòrdain ann an 1794