Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drumainn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P018
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30869
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Drummond

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar a' smaoineachadh gur ann on ainm-àite Druiminn ann an Siorrachd Shruighlea a thàinig an sloinneadh Drumainn no Drumainneach. A-rèir beul aithris,'s ann o shliochd Ungaireach a tha an cinneadh, ach tha e a cheart cho coltach gun tàinig iad o shliochd Ceilteach. B' e Calum Beag, fear Dhruiminn, ceann-cinnidh nan Drumainneach nuair a thugadh a' cheud iomradh sgrìobhte air a' chinneadh. Rinneadh Stiùbhard na Leamhnachd dheth sa bhliadhna 1225. Shabaid Calum Drumainneach eile air taobh a' Bhrùsaich aig Blàr Allt a' Bhonnaich agus thathar ag ràdh gur esan a mhol gum bu chòir caltrops (bioran iarainn) a chleachdadh an aghaidh nan Sasannach. Rinn iad seo call mòr air eachraidh nan Sasannach agus chaidh seo a chomharrachadh le caltrops air gearradh arm nan Drumainneach. Thug am Brusach fearann ann an Siorrachd Pheairt do na Drumainnich mar dhuais agus rinn iad dachaigh mhaireannach ann.

Ghabh trì rìghrean Albannach gaol air Ban-Dhrumannaich. Phòs Dàibhidh II Mairead Dhrumainneach agus phòs Raibeart III, Annabella Dhrumainneach, màthair Sheumais I. A- rèir beul-aithris, ghabh Seumas IV gaol air Mairead, nighean Sir Iain Dhruimeanaich. Rinneadh Morair Drumainneach dheth ann an 1488. Chaochail Mairead ann an suidheachadh amharasach agus phòs Seumas Mairead Tudor.

Rinneadh Diùc den 4mh Iarla le Seumas VII airson dìlseachd do na Stiùbharaich, ach chaill na Druimeanaich cuideachd mar thoradh air seo. Chaidh na h-oighreachdan Drumannach a thoirt bhuapa leis an Riaghaltas às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745, ach chaidh iad a thoirt air ais mu dheireadh thall tro Achd Pàrlamaid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drumainn

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands