Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacIllEathain
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P019
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30870
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart, Stiùbhartaich
Seumasach
Seumasaich
MacLean

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

A-rèir beul-aithris, b'e Gilleathain na Tuaidh, a bha beò san 13mh linn, prìomh athair Clann MhicIlleathain. Bha dithis bhràthair, Lachlan Lubanach, a stèidhich meur Dhubhaird a' chinnidh, agus Eachann Reaganach, prìomh athair meur Loch Buaidhe a' chinnidh o shliochd. Shabaid an cinneadh air taobh a' Bhrusaich ann an 1314 agus greis às dèidh sin, rinn an cinneadh dachaigh ann am Muile, ged a tha e coltach gur ann à Moireabh a bha iad bho thùs.

Bha cleamhnas eadar Clann MhicIlleathain Dhubhaird agus teaghlach Tighearna nan Eilean agus dh'fhàs iad gu math dlùth ri na Dòmhnallaich. Chuir iad Clann MhicFhionghain à mach a tòrr den t-seilbh aca ann am Muile mar thoradh air seo. Mus deach Tighearnas nan Eilean arbhartachadh ann an 1493, bha fearann aig a' chinneadh ann am Muile, Colla agus Tìoradh agus air tìr-mòr anns a' Mhorbhairne agus ann an Àird Gobhair. Shabaid Clann MhicIllleathain air taobh nan Dòmhnallach aig Cath Gairbheach, far an deagh an ceann-cinnidh Eachann Ruadh nan Cath a mharbhadh.

Chaidh Lachlan MacIlleathain Dhubhaird a mharbhadh aig Flodden ann an 1513 agus rè an t-16mh agus t-17mh linn, bha Clann MhicIlleathain gu math cudromach anns na h-Eileanan Siar. Rinneadh Baronet dè Lachlan MacIlleathain Mhorbhairne, oighre Eachainn MhicIlleathain, fear Dhubhaird. Anns na Cogaidean Catharra, bha Clann MhicIlleathain air taobh a' chrùin, a' sabaid air taobh Mhon Rois aig Inbhir Lòchaidh agus airson Teàrlaich II aig Inbhir Chèitinn. Chaill seachdnar bhràthrean às a' chinneadh am beatha is iad a' dìon a' chinn-cinnidh. Chaill Clann MhicIlleathain Caisteal Dhubhairt ann an 1680 a chionn 's gun tug iad taic do na Stiùbhartaich. Shabaid iad air taobh Sheumais VII aig Cath Raon Ruairidh agus ghabh iad pàirt ann an ar-a-mach 1715 agus 1745. Fhuair Sir Fitzroy MacIlleathain an caisteal air ais don chinneadh mun bhliadhna 1910

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacIllEathain

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart, Stiùbhartaich; Seumasach; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands