Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacAoidh
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P020
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30871
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
MacKay

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Dh'fhaoidte gur ann mar mheur de sheann teaghlaich Rìoghail Mhoireibh a thòisich Clann MhicAoidh, ach cha do dh'fhàs an cinneadh cliùiteach gus an do rinn an teaghlach imrich do fhìor cheann a tuath na h-Alba. Bha Clann Mhorgan air a' chinneadh ùir oir bha ceann-cinnidh aca air an robh Morgan tràth sa 14mh linn. Thàinig an t-ainm MacAoidh/Clann Aoidh o ainm ogha Mhorgain, Aodh.

Ann an 1411, thug Dòmhnall, Tighearna nan Eilean ionnsaigh air Cataibh is e ag iarraidh Iarlachd Rois dha fhèin. Chuir Aonghas Dubh agus Clann MhicAoidh na aghaidh ach fhuair Tighearna nan Eilean buaidh orra agus chuir e Aonghas don phrìosan. Na b' fhaide air adhart, ge-tà, phòs Aonghas nighean Tighearna nan Eilean, Ealasaid, agus mar sin, dh'aonaich e an dà chinneadh. Bha eachdraidh chaochlaideach aig Clann MhicAoidh thar nan linntean mar thoradh air connsachadh le an nàbaidhean, na Sutharlanaich, na Guinnich agus Clann Mhic na Ceàrdaich.

Chuir Sir Dòmhnall MacAoidh, fear Shrath Nabhair agus Fharr, arm a-null thairis gus Rìgh Pròstanach Bhohemia agus Rìgh na Suaine Gustavus Adophus a chuideachadh. Rinn Teàrlach I Morair Mheaghrath dheth ann an 1628 agus chosg am Morair an deagh chuid den fhortan aige a' toirt taic don Rìgh sin. Bha fìor dhroch bhuaidh aig fuadaichean Nabhair air a' chinneadh agus ann an 1829, chaidh oighreachd Mheaghrath a reic ri na Sutharlanaich. Rinn Aodhaich seirbheis anns an Òlaind cuideachd far an do stèidhich iad Rèisimeid Duidseach MhicAoidh. Nuair a thàinig loidhne Albannach a' chinnidh gu crìch, 's e am Bàran Eric MacAoidh van Ophemert a fhuair ceannas a' chinnidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacAoidh

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands