Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacNèill
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P021
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30872
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
MacNiel (or MacNeil)

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Bha dà phrìomh mheur ann an Clann MhicNèill - Niallaich Bharraigh agus Niallaich Ghiogha. Is e Nìall Òg a' chiad cheann-cinnidh air a bheil iomradh ann an còir-sgrìobhte: fhuair e fearann ann an Ceann Tìre bho Raibeart Brus. Thug Tighearna nan Eilean cairt-sgrìobhte ùr do Ghilleonan, iar-ogha Nèill Òig, airson Bharraigh is Bhaghasdal ann an Uibhist a Deas. Chaidh a' chairt seo a dhaingneachadh le Seumas IV ann an 1495 às dèidh arbhartachaidh fearann Tighearnas nan Eilean.

Na b' fhaide air adhart, thug Niallaich Bharraigh taic do Leathannaich Dhubhairt, ach bhiodh Niallaich Ghiogha gu tric a' taobhadh ri Dòmhnallaich Ilè. Bhiodh an dà mheur den chinneadh gu tric a' sabaid air diofar thaobhan anns a' chonnsachadh eadar na Leathannaich is na Dòmhnallaich.

Bha Niallaich Bharraigh nam fìor dheagh sheòladairean. Bha fear de na seòladairean Niallach, an ceann-cinnidh air an robh Rory the Turbulent anns a' Bheurla, na charactar beòthail. Nuair a rinn Ealasaid, Banrigh Shasainn, gearan gu robh e ri spuinneadh-mara, chaidh a shumanadh gus nochdadh air beulaibh na Comhairle Dìomhair ann an Dùn Èideann ach cha deach e ann. Bha aige ri dhol ann mu dheireadh nuair a chaidh a ghlacadh tro chuilbheart. Aig a' chùis lagha aige, mhìnich e gun robh e den bheachd gum feumadh e, mar ìochdaran dìleas, dìoghaltas fhaighinn às dèidh na rinn Banrigh Shasainn do mhàthair an Rìgh, Màiri Banrigh na h-Alba. Thugadh mathanas dha às dèidh dha an t-argamaid sin a chur air adhart, ach chaidh a oighreachd a thoirt air falbh.

Bha aig a' chinneadh ri Barraigh a reic ann an 1838 ach chaidh a cheannach air ais às dèidh linn agus chaidh Caisteal Chìosamail a dhèanamh suas as ùr. Chaidh a' chòir air Giogha bho Niallaich Thaighnis gu Niallaich Cholbhasa ann an 1780 agus chaidh e a-mach à seilbh a' chinnidh na b' fhaide air adhart

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacNèill

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands