Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacGriogair
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P022
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30873
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Stiùbhartaich
Seumasaich
MacGregor

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

A rèir beul-aithris, 's ann o shliochd Ghriogair MhicAilpein, rìgh Dhàl Riata, a tha Clann MhicGriogair. Bha an cinneadh stèidhichte air crìochan an ear Earra-Ghàidheil agus air crìochan an iar Siorrachd Pheairt, a' gabhail a-steach Ghleann Urchaidh, Gleann Sreith, Gleann Lìomhann agus Gleann Goill. Chaidh Gleann Urchaidh, a' chiad pìos fearainn air an robh còir-sgrìobhte aig na Griogaraich, a thoirt dhaibh le Alasdair II mar dhuais airson taic a thug iad dha rè ceannsachadh Earra-Ghàidheil.

B' iad na Caimbeulaich prìomh nàmhaid nan Griogaireach. Bhiodh na Caimbeulaich a' cur fearg air na Griogaraich a dh'aona-ghnothaich gus toirt orra fòirneart a chleachdadh nan aghaidh. Bhiodh iad an uair sin a' sireadh cead rìoghail gus na Griogaraich a cheannsachadh. Mar thoradh air seo, fhuair na Caimbeulaich seilbh air fearann nan Griogaireach, chaidh an sloinneadh MacGriogair a thoirmisg agus chaidh còirichean an luchd-cinnidh a chuingealachadh gu mòr. Dh'ais-ghairm Teàrlach II na h-achdan an aghaidh nan Griogaireach ann an 1661 mar dhuais airson na taic a thug iad dha. Ach ann an 1693, chuir Uilleam II na h-achdan an gnìomh as ùr agus thug an cinneadh toirmisgte taic do na Stiùbhartaich rè ar-a-mach nan Seumasach. Cha deach na h-achdan an aghaidh nan Griogaireach ais-ghairm mu dheireadh gu 1775.

Às dèidh Chùil Lodair, chaidh Raibeart, an ceann-cinnidh a chur don phrìosan agus chaochail e sa bhliadhna 1758. Rinn a bhràthair, Eòghann, a lean e mar cheann-cinnidh, seirbheis chliùiteach mar oifigear anns an 41mh rèisimeid anns a' Ghearmailt. Bha Iain, mac Eòghainn, na sheanalair ann an seirbheis Companaidh nan Innseachan an Ear agus chaidh Baranachd a thoirt dha mar duais ann an 1822 agus fhuair e cead rìoghail gus an sloinneadh MacGriogair a chleachdadh a-rithist. Chaidh a leantainn le a mhac, am Màidsear Seanalair Sir Eòghann MacGriogair GCH, KCB, Riaghladair nam Windward Islands.

Bha mac Eòghainn, air an robh an t-ainm Iain a-rithist, na Leas-riaghladair air na Virgin Isles. B'e fear den luchd-cinnidh a b' ainmeile Rob Ruadh, dròbhair a bha ainmeil airson euchdan dàna. Chuir na sgeulachdan romansach a sgrìobh Sir Walter Scott gu mòr ri cliù Rob Ruaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacGriogair

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Stiùbhartaich; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands