Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Grannd
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P023
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30874
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Grant

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha cuid den bheachd gu bheil an sloinneadh Grannd a' tighinn on Fhraingais 'le Grand' agus gur ann o shliochd Anglo-Normanach a tha iad. Tha cuid eile den bheachd gur ann o shliochd Rìgh Ailpein, athair Choinnich MhicAilpein, a' chiad rìgh aig na Cruithnich is na Gàidheil a tha e, agus gur e meur de Chlann MhicGriogair a th' annta. Anns an 13mh linn, tha fianais sgrìobhte ann gu robh Siorraman Inbhir Nis nan Granndaich agus gu robh iad gu math cumhachdach ann an iar-thuath na h-Alba. Thug iad taic an dà chuid do Ualas agus don Bhrusach an aghaidh nan Sasannach. Phòs Iain Grannd, ceann-cinnidh, nighean Ghillebrìghde, fear Glencairnie agus 's ann o shliochd Iain a tha Granndaich Fhraochaidh agus Granndaich Thulaich Ghuirm. Thugadh còraichean leth rìoghail do Bharanachd Fhraochaidh mar dhuais airson a bhith a' cuideachadh Uilleam Orange.

Bhiodh na Granndaich daonnan air taobh a' mhonairc agus shabaid iad air taobh Mhon Rois cho math ri Seumas VII. Thug a' mhòr-chuid den chinneadh taic do Hanòbhair ach bha Granndaich Ghleann Mhoireasdain air taobh nan Seumasach.

Phòs Sir Maoldòmhnaich Grannd Mairead, nighean Sheumais Ogilvie, Iarla Findlater agus Seafield. Tron chàirdeas seo, lean ogha Mhaoldòmhnaich, Sir Lewis Alasdair Grannd, Seumas Ogilvie mar mhorair Seafield. Bha mac Sir Maoldhòmhnaich, Sir Seumas Grannd, cliùiteach ann an Srath Spè, far an do stèidhich e Baile Ùr nan Granndach aig deireadh an 18mh linn.

Tha iomadh meur aig a' chinneadh agus gu tric bhiodh na meuran a' leantainn phoileasaidhean a bhiodh air leth agus neo-eisimeileach bho chèile. Bhiodh na cinn-chinnidh a' tighinn o mheur Fhraochaidh a' chinnidh ach bha meuran eile cudromach cuideachd: Gleann Moireasdan, Baile na Dàlach, Mòine Muiseig agus Dalvey. Is e 'Lords Strathspey' a chanar ri cinn-chinnidh nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Grannd

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands