Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacFhearghais
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P024
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30875
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Ferguson

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha iomadh teaghlach leis an t-sloinneadh MacFhearghais no Fearghasdan air feadh na h-Alba. Mar eisimpleir, tha teaghlaichean nam Fearghasdan ann ann an Earra-Ghàidheal, ann am Fìobh agus ann an Siorrachdan Air, Dhùn Phris, Pheairt agus Obar Dheathain. Tha an fheadhainn ann an Earra-Ghàidheal den bheachd gur ann o shliochd rìgh Dhàl Riata, Fearghas Mòr Mac Eirc, a tha iad. Tha an fheadhainn ann an iar-dheas na h-Alba den bheachd gur ann o slhiochd Fhearghais, Prionnsa Ghall-Ghàidhealaibh a bha beò san 12mh linn, a tha iad.

Bha fearann aig Fearghasdanaich Earra-Ghàidheil ann an Srath Chura gu toiseach an 19mh linn. Bha cuid de theaghlach Chille Chiarain à Siorrachd Air gu mòr an sàs ann an gnothaichean na Stàite agus chaidh Sir Seumas MacFhearghais a chur an dreuchd mar Mhorair Seisein ann an 1735 nuair a ghabh e an tiotal Morair Chille Chiarain. Thug a mhac, Seòras, am Morair Seisein ann an 1799, an tiotal am Morair Hermand air fhèin.

Ann an Siorrachd Pheairt, bha Fearghasdanaich ann an Athall agus ann am Both Chuidir, agus bha tòrr dhiubh nan Seumasach gu an cùl. Air an làimh eile, bha tòrr de na Fearghasdanaich à Earra-Ghàidheal, Siorrachd Obar Dheadhain agus às a' Ghalldachd air taobh Hanòbhair, gu tric a' sabaid an aghaidh Fhearghasdanaich eile.

Tha saighdearan cliùiteach Fearghasdanach air a bhith ann an arm Bhreatainn. Mar eisimpleir, san 20mh linn, Bha Sir Teàrlach MacFhearghais, Riaghladair Shealain Nuaidh bho 1924-1930, agus a mhac, Ceannard-feadhna Sir Bernard MacFhearghais, a bha cuideachd na Riaghladair Coithtcheann air Sealan Nuadh bho 1962-1967

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacFhearghais

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands