Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foirbeis
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P025
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30876
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhartaich
Forbes

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann on ainm-àite ann an Siorrachd Obar Dheathain a thàinig an t-ainm cinnidh Foirbeis, ach dh'fhaoidte gur ann a Dàl Riata a bha an cinneadh bho thùs. Tha fios againn gun robh fearann Foirbeis ann an Siorrachd Obar Dheathainn le Iain Fhoirbeis cho tràth ri rìoghachadh Uilleam Leòmhann. Thug Iarla Bhùchan còir-sgrìobhte do Fhearghas Fhoirbeis, mac Iain, airson an fhearainn sin ann an 1236. Rinneadh riaghladair Caisteal na Sroine faisg air Inbhir Nis de dh'Alasdair Fhoirbeis agus chaidh a mharbhadh ann an 1304 is e a' dìon a' chaisteil. Thug a mhac, air an robh Alasdair cuideachd, taic don Bhrùsach agus chaidh a mharbhadh anns an Dubh Linn ann an 1332 is e a' sabaid air taobh Rìgh Dhàibhidh II. Fhuair an teaghlach barrachd fearainn ann an Siorrachd Obar Dheathain agus chaidh Alasdair Foirbeis, a chaochail ann an 1405 fhastadh mar justicar agus crùnair na siorrachd sin. Rinneadh Morair Fhorbeis de dh'Alasdair Foirbeis eile uaireigin às dèidh 1436.

B'e na Gòrdanaich na prìomh chòmhstrithich aig na Foirbeisich. Bha na Foirbeiseich air gabhail ri Prostanachd; bha na Gòrdanaich nan Caitligeach. Phòs an 8mh Morair Fhoirbeis a' Bhaintighearna Mairead Ghòrdan, an nighean as sine aig 4mh Iarla Hunndaidh. Nuair a chaidh am mac na Chaitligeach agus nuair a ghabh e ann an òrdugh Crìosdaidh, chuir e cùl ri a bhean. Dh'adhbharaich seo cath eadar an dà chinneadh. B'e seo Blàr Chatt ann an Siorrachd Obar Dheadhain, far an do bhuannaich na Gòrdanaich. Às dèidh seo, thug na Foirbeisich taic don loidhne Phrostanach agus chuir iad an aghaidh Màiri Banrigh na h-Alba agus na Stiùbhartaich Chaitligeach. Bha Foirbeisich Bhaile Sligeach air taobh nan Seumasach ann an 1715 agus 1745, ge-tà.

'S ann o shliochd Foirbeiseich Tolquhoun a bha Foirbeisich Chùil Lodair. B'e Àrd Cheann-suidhe Cùirt an t-Seisein a bh' ann an Donnchadh Foirbeis, Fear Chùil Lodair, aig àm ar-a-mach 1745 agus chleachd e a sheasamh is cumhachd gus cur an aghaidh nan Seumasach. A dh' aindeoin seo, cha d'fhuair am Foirbeiseach duais no dìlead sam bith bho Sheòras II airson na bha e air dèanamh dha. Ged a bha e glè dhìleas don riaghaltas, bha Foirbeis an aghaidh na brùidealachd a chaidh a dheànamh air na Gàidheil an dèidh Blàr Chùil Lodair agus dh'obair e gu cruaidh gus faothachadh a thoirt air seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foirbeis

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhartaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands