Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacDhùghaill
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P026
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30877
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhartaich
Seumasaich
MacDougall (or MacDugall)

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar ag ràdh gur ann à 'Dubh Ghall' a tha an t-ainm Dùghall a' tighinn- ainm a bha air a chleachdadh gu tric airson nan Lochlannach a bhiodh a' toirt ionnsaighean air an dùthaich. B'e Dùghall on tàinig ainm a' chinnidh am mac a bu shine aig Somhairle, Rìgh Innse Ghall agus a' bhean Nirribheach. Fhuair Dùghall, Rìgh nan Eilean, fearann ann an Latharna agus chaidh a mhic a shuidheachadh mar riaghladairean nan Eilean Siar le Àcain, Rìgh Nirribhidh. Nuair a thàinig Àcain a dh'Alba gus ionnsaigh a thoirt air ceann a deas na h-Alba, dhiùlt na Dùghallaich a chuideachadh. Fhuaras buaidh air Acain aig Blàr na Leargaidh Ghallda agus bha aige ris na h-Eileanan Siar a thoirt thairis do chrùn na h-Alba ann an 1266.

Phòs 4mh ceann-cinnidh nan Dùghallach piuthar Iain Chuimeanaich agus mar thoradh air seo, bha Raibeart Brus na nàmhaid dhaibh. Aig aon bhlàr an aghaidh nan Dùghallach thathar ag ràdh gun robh aig Raibeart Brus ri a chleòca, air an robh a bhràiste, a thilgeil às agus e a' teicheadh agus nach biodh e idir air faighinn às mur a robh e air sin a dhèanamh. Tha a' bhràiste seo: 'Bràiste Latharna' fhathast leis a' chinneadh. Nuair a choisinn am Brusach an rìgh-chathair, thug e fearann nan Dùghallach bhuapa. Ghèill Alasdair MacDhùghaill don Rìgh ach theich a mhac Iain a Shasainn, far an robh e na Àrd-mharaiche ann an cabhlach Shasainn. Bliadhnaichean às dèidh sin, chaidh a ghlacadh anns na h-Eileanan Siar agus chaidh a chur sa phrìosan, ach chaidh a leigeil ma sgaoil às dèidh bàs Raibeirt Bhrùis. Phòs e ogha Raibeirt Bhrùis agus chaidh fearann nan Dùbhallach a thoirt air ais dha. Chaochail a mhac gun mhac agus chaidh a fhearann ann an Latharna do na Stiùbharaich ann an 1388. Ann an 1457, chaidh daingneachadh gur ann leotha-san a bha am fearann aca ann an Dùn Ollaidh agus anns an an t-Oban. Chaill an cinneadh an cuid fearainn aon uair eile a chionn's gun do ghabh iad pàirt anns an ar-a-mach Sheumasach ann an 1715. Thugadh an oighreachd aca air ais dhaibh ùine ghoirid ro ar-a-mach 1745 a chionn's gun robh iad dìleas don chrùn às dèidh 1715.

Tha e na chleachdadh air a' Ghàidhealtachd a bhith a' cur an tiotal 'maighdean' no 'maid' air ban-oighre ceannas-cinnidh. Mar sin, b'e 'Maighdeann Latharna' an seann tiotal a bhiodh air mnathan-oighre nan Dùghallach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacDhùghaill

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhartaich; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands