Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacMhathain
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P027
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30878
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Matheson

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha cuid den bheachd gur e 'mac laoich' as ciall don ainm MacMhathain. Tha ceangal dlùth eadar Clann MhicMhathain agus Chlann MhicCoinnich agus tha an cinneadh den bheachd gun robh iad suidhichte ann an Loch Aillse bho àm Choinnich MhicAilpein.

Nuair a chum Seumas I Pàrlamaid ann an Inbhir Nis ann an 1427, chuir e cinn-chinnidh a bha a' fàs ro chumhachdach an grèim. Bha ceann-cinnidh nam Mathanach air aon dhiubh. Thathar ag ràdh gum b'urrainn dha arm de suas ri 2000 luchd-cinnidh a thogail. Chaill an cinneadh tòrr fearainn anns an 16mh linn mar thoradh air connsachadh le an nàbaidhean, Dòmhnallaich Ghleann Garadh, agus mu dheireadh thall, chaidh na Mathanaich nan luchd-leanmhainn aig Clann MhicCoinnich. Nuair a ghabh Clann MhicCoinnich seilbh air Caisteil Eilean Donnain, tha e coltach gun robh maorsainneachd a' chaisteil aig an dà chuid na Mathanaich is aig Clann MhicRath còmhla. Ghlèidh Iain Dubh MacMhathain an caisteal do Chlann MhicCoinnich an aghaidh nan Dòmhnallach ann an 1539 nuair a thug Dòmhnall Gorm Shlèite ionnsaigh air. Chaidh meur den chinneadh a stèidheachadh ann an Cataibh, ach b'e Mathanach Loch Aillse bunait a' chinnidh.

Bha iomadh Mathanach ainmeil anns an 19mh linn, a' gabhail a-staigh Sir Seumas MacMhathain (1796 -1878), a rinn fortan bho mhalairt a' chadalain, no opium, anns an Àrd an Ear agus a bha air aon de luchd-stèidheachaidh Companaidh Malairt Jardine MacMhathain. Thill MacMhathain a dh'Alba ann an 1842 agus cheannaich e Eilean Leodhais. Chuir e iomadh sgeama air dòigh gus bochdainn a lughdachadh anns na h-Eileanan aig àm na gorta, nuair a bha am buntàta air gaiseadh, agus rinneadh Baronet dheth ann an 1851 mar thoradh air seo.

Rinn Sir Alasdair MacMhathain, nephew aig Sir Seumas, fortan ag obair don uncail aige ann an Sìona. Nuair a thill e a dh'Alba, chleachd e a cuid beairteis gus oighreachdan air a' Ghàidhealtachd a cheannach is a leasachadh. Bha e na Bhall Phàrlamaid airson Rois is Chrombaidh fad iomadh bliadhna agus bha pàirt cudromach aige ann a bhith a' cur air adhart Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (the Highland Railway). Ann an 1851, cheannaich e seann fhearann dùthchasach a' chinnidh ann an Loch Aillse

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacMhathain

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands