Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacDhàibhidh
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P028
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30879
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Davidson

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Nuair a thòisich cumhachd nan Cuimeanach a' crìonadh ann am Bàideanach, dh'iarr Dòmhnall Dubh Inbhir na h-Abhann, a bha air nighean 6mh ceann-cinnidh Clann Mhic an Tòisich a phòsadh, dìon bho Uilleam, 7mh ceann-cinnidh Clann Mhic an Tòisich agus rinn an cinneadh ceangail ri co-chaidreachas Clann Chatain. Bha an t-ainm Clann Dhàibhidh air a' chinneadh cuideachd, bho ainm Dhàibhidh Dhuibh, Fear Inbhir na h-Abhann, a' chiad cheann-cinnidh.

Bha eudmhorachd ann eadar cuid de na cinnidhean taobh a-staigh co-chaidreachas Clann Chatain agus bha Clann MhicDhàibhidh an sàs ann an iomadh blàr le cinnidhean Catanach eile. Nuair a thug Camshronaich à Loch Abar ionnsaigh air Bàideanach mun bhliadhna 1370, chuir 8mh ceann-cinnidh Clann Mhic an Tòisich agus buidheann de luchd-cinnidh Catanach bacadh orra. Bha an dà chuid luchd-cinnidh Mhic an Tòisich agus luchd-cinnidh Mhic a' Phearsain ann. A chionn 's gun tug Mac an Tòisich barrachd inbhe do cheannard Clann MhicDhàibhidh, tharraing Clann Mhic a' Phearsain a-mach às a' bhlàr agus fhuaras buaidh air Clann Chatain. A rèir beul-aithris, chuir Mac an Tòisich a bhàrd do champa Clann Mhic a' Phearsain. Sheinn am bàrd òran magaidh mu ghealtachd. Chuir seo an uibhir de chaoch air ceannard Clann Mhic a' Phearsain agus gun tug e ionnsaigh air na Camshronaich rè na h-oidhche. Chuireadh ruaig air na Camshronaich. Thathar a' creidsinn gun do ghabh Clann MhicDhàibhidh pàirt anns a' blàr chinnidhean ainmeil a ghabh àite aig an North Inch ann am Peairt ann an 1396, far an robh Rìgh Raibeart III an làthair. Tha cuid ag ràdh gur ann eadar Clann Chatain agus Clan Aoidh a bha am blàr ach tha cuid eile a' cumail a-mach gur e blàr taobh a-staigh Clann Chattan a bh' ann mar phàirt den chonnsachadh eadar Clann MhicDhàibhidh is Clann Mhic a' Phearsain. Ge b'e dè an t-adbhar a bh' ann airson a' bhlàir, chaill an cinneadh tòrr de na gaisgich a b' fhèarr aca ann.

Anns an 18mh linn, bha meuran den chinneadh ann an Canntra, Inbhir Nis agus ann an Tulach, Siorrachd Rois. Fhuair meur Tulaich seilbh air Caisteal Tulaich faisg air Inbhir Pheofharain. Bha daoine eile air an robh 'MacDhàibhidh' ann an Siorrachd Obar Dheathain agus ann an taobh deas na h-Alba cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacDhàibhidh

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands