Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacPhàrlain
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P029
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30880
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhartaich
MacFarlane

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann o shliochd Ghillechrìosd a tha Clann MhicPhàrlain. B'e Gillechrìosd bràthair Mhaolduin, treas Morair Leamhaich, a bha beò san 13mh linn. Thàinig ainm a' chinnidh à Pàrlan, iar-ogha Ghillechrìosd. Tha iomradh air mac Phàrlain, Calum, mar 'MacParlan' ann an cairt-sgrìobhte a tha a' daingneachadh gur ann leis-san a tha an t-Arar.

Fhuair Donnchadh MacPhàrlain cairt bho Mhorair Leamhnachd a' daingneachadh gur ann leis-san a bha an t-Arar. Fhuair e tòrr fearainn timcheall air an Arair cuideachd ann an 1395 tro phòsadh. Nuair a chaochail am fear mu dheireadh de sheann Mhorairean Leamhnachd gun sliochd, bha na Pàrlanaich nan tagraichean airson na h-Iarlachd. B'e Stiùbhartaich Darnley a fhuair an Iarlachd mu dheireadh thall, ge-tà. Dh'adhbhraich seo nàimhdeas eadar na Pàrlanaich is na Stiùbharaich a mhair ùine mhòr agus cha deach cuisean a rèiteachadh eadar an dà theaghlach gus an do phòs Anndra nighean Morair Leamhnachd anns an 15mh linn.

Shabaid na Pàrlanaich còmhla ri Morairean Leamhnachd ann an iomadh cath san 16mh linn. Shabaid Donnchadh MacPhàrlamaid air taobh Morair Leamhnachd aig Blàr Muir Ghlaschu ann an 1544 agus chaidh a mharbhadh aig Blàr Phinkie ann an 1547. Shabaid na Pàrlanaich an aghaidh Màiri Banrigh na h-Alba aig Blàr Langside ann an 1568, far an do ghlac iad trì de bhrataich na banrigh.

Dh'fhàs na Pàrlanaich mi-chliùiteach anns an 16mh linn mar thoradh air na creachan a bhiodh iad a' dèanamh gu tric agus mar thoradh air an ceanglaichean leis na Griogaraich. A chionn 's gum biodh na creachan a' dol air adhart air oidhcheannan soilleir, chanadh daoine ann an sgìre Loch Laomainn 'Lochran MhicPhàrlain' ris a' ghealaich. Chaidh na Pàrlanaich a chàineadh mar mhèirlich, mar chreachadairean agus mar luchd-fòirneirt ann an achd a chaidh aontachadh ann an 1594. Anns an 17mh linn, chaidh ainm a' chinnidh a thoirmisg agus chaill na Pàrlanaich còir air an cuid fearainn. Rinn cuid den luchd-cinnidh a dh'Èireann agus a dh'Aimeireagaidh. Bha Walter, am 20mh ceann-cinnidh, a chaochail ann an 1767, air aon de na eòlaichean bu chliùitiche san ochdamh linn deug air sloinntearachd agus air àrsachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacPhàrlain

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhartaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands