Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Moireach
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P030
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30881
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Stiùbhartaich
Murray

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar ag ràdh gu bheil Clann Mhoireach o shliochd Freskin, Fleamach a thàinig a dh'fhuireach ann an Alba agus ris an tug Rìgh Dàibhidh I fearann an dà chuid air a' Ghàidhealtachd agus air a' Ghalldachd. B'e 'William de Moravia' an t-ainm a bh' air a ogha a chionn 's gun robh tòrr fearainn aige ann am Moireabh. B' esan prìomh athair Moirich Bhothwell agus Moirich Obar Càrnaich agus stèidhich cuid de a mhic meuran eile, a' gabhail a-steach Moirich Thulach Bàrdainn. Chaochail a ogha, William de Moravia, dominus de Bothwell, gun shliochd ann an 1293, agus chaidh a leantainn le a bhràthair, Sir Anndra, an tìr-ghràdhaiche ainmeil a bha na neach-taic aig Sir Uilleam Ualas. Phòs a mhac, air an robh an t-ainm Anndra cuideachd, piuthar an Rìgh agus b'e Leas-rìgh na h-Alba a bh' ann às dèidh bàs Raibeirt Bhrùis.

Fhuair Sir William de Moravia fearann Thulach Bàrdainn ann an 1282. Bha 17 mic aig Sir Uilleam Moireach, Fear Thulach Bàrdainn, agus stèidhich mòran de na mic seo teaghlaichean Moireach cliùiteach. Rinneadh Morair Mhoireach de Sir Iain, 12mh Fear Thulach Bàrdain, ann an 1604. Rinneadh Iarla Thulach Bàrdainn dheth cuideachd ann an 1606. Phòs a mhac Uilleam, an darna Iarla, ban-oighre Iarlan Stiùbhartach Athaill agus mar sin, chaidh Iarlachd Athaill don teaghlach Moireach ann an 1629.

Bha Iain, a' chiad Iarla Athaill às an teaghlach Moireach glè dhìleas don mhonarcachd agus bha a mhac Iain gu mòr air taobh Thèarlaich I. Lean e athair mar Iarla Thulach Bàrdainn agus ann an 1676, rinneadh Marcais Athaill dheth. Rinneadh Diùc Athaill de Iain, an darna Marcais, ann an 1703 agus bha e gu dubh an aghaidh Aonadh 1707. Nuair a chaochail e ann an 1724, chaidh an tiotal do a threas mhac, Seumas oir bha a chiad mhac marbh agus cha b'urrainn do a dhàrna mhac Uilleam, Marcais Thulaich Bhàrdain an tiotal fhaighinn a chionn 's gun robh e air taobh nan Seumasach aig àm nan ar-a-mach. B'e bràthair eile aca am Morar Seòras Moireach, an seanalar ainmeil ann an ar-a-mach '45.

Ann an 1736, fhuair an dàrna Diùc Athaill uachdranas Eilean Mhanainn mar oighre ach reic e seo don Riaghaltas ann an 1765 air £70,000. Is e Caisteal a' Bhlàir, Siorrachd Pheairt, a' phrìomh chathair aig cinn-chinnidh nam Moireach, Diùcan Athaill

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Moireach

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Stiùbhartaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands