Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnallach nan Eilean
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P031
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30882
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Clann Dòmhnall
MacDonald of the Isles

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Tha na Dòmhnallaich o shliochd Shomhairle, Rìgh Innse Gall, a dh'fhògair na Lochlannaich às na h-Eileanan Siar anns an 12mh linn. Chaidh Somhairle a mharbhadh aig Rinn Friù ann an 1164 nuair a bha a arm a' sabaid an aghaidh Rìgh Calum IV agus chaidh a leantainn le a mhac, Raghnall. Chaidh Raghnall a leantainn le a mhac Dòmhnall Ilè agus dh'fhàs an cinneadh gu math iomraiteach fo a stiùir. Is esan an Dòmhnall ann an ainm a' chinnidh: Clann Dòmhnaill. Chaochail Dòmhnall ann an 1289 agus chaidh a leantainn le a mhac Aonghas Mòr.

Bha Aonghas Mòr air taobh Haco ach cha do dh'fhuiling e droch bhuaidh sam bith bho ruaig Haco aig Blàr na Leargaidh Ghallda ann an 1263. Thug a mhac, Aonghas Òg taic don Bhrùsach agus chuir e gu mòr ri fearann an teaghlaich. Thug mac Aonghais Òig, Iain, an tiotal Tighearna nan Eilean air fhèin bho 1354 a-mach. Phòs a mhac Dòmhnall Arla, an darna Tighearna nan Eilean, nighean Ban-iarla Rois. Nuair a chaochail e ann an 1423, chaidh a leantainn le a mhac Alasdair. Bha Alasdair air aon de na ceannardan cumhachdach a chaidh a ghairm do Phàrlamaid ann an Inbhir Nis le Seumas I ann an 1427. Nuair a nochd Alasdair aig a' Phàrlamaid, chaidh a chur sa phrìosan anns a' bhad. Nuair a fhuair e an tiotal Iarla Rois ann an 1429, rinn e dìoghaltas air an Rìgh: thug e ionnsaigh air fearann leis a' Chrùin ann an Inbhir Nis agus losg e am baile.

Chaidh an tiotal Tighearna nan Eilean aithneachadh leis a chrùn ann an 1430. Bha Alasdair na Justicar na h-Alba fad greis. Chaochail e ann an 1448 agus chaidh a leantainn le Iain, an ceathramh Tighearnan nan Eilean agus am fear mu dheireadh. Rinn e ar-a-mach an aghaidh a' Chrùin agus dh'ainmich e neo-eisimeileachd an Tighearnais. Fhuair an Crùn buaidh air ann am 1493 agus chaidh Tighearnas an Eilean arbhartachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnallach nan Eilean

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Clann Dòmhnall

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands