Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnallaich Ghleann Comhann
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P032
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30883
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Stiùbhartaich
Clann Domhnaill
Murt Ghleann Comhann
MacDonald of Glencoe

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

'S ann o shliochd Iain Fhraoich, mac Aonghais Òig agus bràthair Iain, a' chiad Tighearna nan Eilean, a tha Dòmhnallaich Ghleann Comhann (Clann MhicIain). Ged a bhiodh Dòmhnallaich Ghleann Comhann a' toirt taic do chàirdean is luchd-cinnidh nuair a bha taic a dhìth, tha e coltach gur e cinneadh beag agus gu math sìtheil a bh' annta agus nach robh miann aca fearann a' chinnidh a leudachadh. Tha ainm a' chinnidh ainmeil mar thoradh air Murt Ghleann Comhann, a thachair ann an 1692, nuair a chaidh Rèisimeid Earra-Ghàidheal, fo smachd Caimbeulach Gleann Lìomhann, a chur a Ghleann Comhann leis an Riaghaltas airson nan Dòmhnallach a mharbhadh. Bha an Riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann MhicIain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Ach bha MacIain air a' bhòid a ghabhail don Rìgh, ged a ghabh e i beagan làithean às dèidh a' cheann-ama a chaidh a thoirt dha. Bha na saighdearan a' fuireach còmhla ri muinntir Ghleann Comhann fad trì làithean deug ron mhurt. Thug na Dòmhallaich aoigheachd do na saighdearan fad tri làithean deug ach chaidh ionnsaigh a thoirt orra fhad 's a bha iad nan cadal. A rèir beul-aithris, ge-tà, thug saighdearan rabhadh do chuid ro làimh agus mar sin, theich a' mhòrchuid ron mhuirt agus cha deach ach 38 duine a mharbhadh. Ged nach deach cus dhaoine a mharbhadh anns a' chasgradh seo an taca ri muirt eile, thathar ga chuimneachadh air sgath na dòigh anns an deach a dhèanamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnallaich Ghleann Comhann

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Stiùbhartaich; Clann Domhnaill; Murt Ghleann Comhann

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain. <br /> <br /> 'S ann o shliochd Iain Fhraoich, mac Aonghais Òig agus bràthair Iain, a' chiad Tighearna nan Eilean, a tha Dòmhnallaich Ghleann Comhann (Clann MhicIain). Ged a bhiodh Dòmhnallaich Ghleann Comhann a' toirt taic do chàirdean is luchd-cinnidh nuair a bha taic a dhìth, tha e coltach gur e cinneadh beag agus gu math sìtheil a bh' annta agus nach robh miann aca fearann a' chinnidh a leudachadh. Tha ainm a' chinnidh ainmeil mar thoradh air Murt Ghleann Comhann, a thachair ann an 1692, nuair a chaidh Rèisimeid Earra-Ghàidheal, fo smachd Caimbeulach Gleann Lìomhann, a chur a Ghleann Comhann leis an Riaghaltas airson nan Dòmhnallach a mharbhadh. Bha an Riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann MhicIain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Ach bha MacIain air a' bhòid a ghabhail don Rìgh, ged a ghabh e i beagan làithean às dèidh a' cheann-ama a chaidh a thoirt dha. Bha na saighdearan a' fuireach còmhla ri muinntir Ghleann Comhann fad trì làithean deug ron mhurt. Thug na Dòmhallaich aoigheachd do na saighdearan fad tri làithean deug ach chaidh ionnsaigh a thoirt orra fhad 's a bha iad nan cadal. A rèir beul-aithris, ge-tà, thug saighdearan rabhadh do chuid ro làimh agus mar sin, theich a' mhòrchuid ron mhuirt agus cha deach ach 38 duine a mharbhadh. Ged nach deach cus dhaoine a mharbhadh anns a' chasgradh seo an taca ri muirt eile, thathar ga chuimneachadh air sgath na dòigh anns an deach a dhèanamh