Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camshron
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P033
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30884
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart
Stiùbhartaich
Seumasaich
Cameron

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

Thathar ag ràdh gun robh Clann Chamshron 'nas gairge na gairge fhèin'. Thathar a' creidsinn gu bheil na Camshronaich air aon de na cinnidhean às sine ann an Alba. Tha cuid den bheachd gur ann à ainm àite ann am Fìobh a thàinig an sloinneadh, tha cuid eile den bheachd gun tàinig e à ainm Rìgh na Danmhairg, Camchron, agus tha cuid eile den bheachd gur ann à 'cam-shròn' a thàinig e.

Ge b'e cò às a thàinig an t-ainm, tha ceangail eachdraidheil làidir aig a' chinneadh ri Loch Abar. Bha trì meuran aig a' chinneadh an tòiseach: meur MacMhàrtainn Leitir Fhionnlaigh, meur MhicGhillOnfhaidh às an t-Sròin agus meur MhicShomàirle à Gleann Nibheis. B'e Dòmhnall Dubh, a rugadh mun bliadhna 1400, a' chiad ceann-cinnidh air na trì teaghlaichean. Bha e à sliochd teaghlach MhicGhillOnfhaidh na Sròine ach, thug e na teaghlaichean còmhla tro bhith a' pòsadh bean à teaghlach MhicMhàrtainn.

Bha na Camsronaich fo smachd Tighearnas nan Eilean fad ùine agus shabaid iad air an taobh, an aghaidh an Rìgh aig Cath Gairbheach ann an 1411.

Thrèig iad na Dòmhnallaich nas fhaide air adhart, ge-tà, agus chaidh seo a leannainn le bliadhnaichean de chonnsachadh. Bha Sir Eòghann Camshron, Fear Loch Iall, a rugadh ann an 1629 agus a chaidh a dhèanamh na Ridire ann an 1680, air aon de na cinn-cinnidh Ghàidhealach as ainmeil a bh' ann riamh. Bha na Camshronaich gu làidir air taobh nan Stiùbhartach agus sheas Sir Eòghann gu daingeann an aghaidh Chrombail. A chionn 's gun robh e ro aosta airson seirbhis shaighdearaich ann an 1715, chuir a mhac agus an cinneadh a chuideachadh Iarla Mhàrr. Bha ogha Sir Eòghainn, Dòmhnall, air an robh 'the Gentle Lochiel' air taobh a' Phrionsa Teàrlach ann an an 1745 agus tha a ainm cliùiteach fhathast airson a dhìlseachd is gallantachd air taobh nan Seumasach. Theich e don Fhraing agus chaochail e ann ann an 1748. Chaidh oighreachd an teaghlaich arbhartachadh ach chaidh an toirt air ais ann an 1748. Chaidh Caisteal Achadh na Càiridh, dachaigh Camhronsaich Loch Iall, a chleachdadh mar ionad trèanaidh do chommandothan rè an Dàrna Chogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camshron

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan; Stiùbhart; Stiùbhartaich; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands