Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MacLaomainn
EXTERNAL ID
QZP40_82_VOLI_P034
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
Robert R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30885
KEYWORDS
aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Lamond

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.

A rèir beul-aithris, b'e Clann MhicLaomainn an cinneadh aig an robh Còmhghall bho thùs. Thathar ag ràdh gur b'e Fearchar prìomh athair a' chinnidh agus b'e Clann MhicFhearchair ainm tùsail a' chinnidh. Dh'atharraich ainm a chinnidh gu Cleann Laomainn, ainm ogha Fhearchair, a thug fearainn do mhanaich Phàislig ann an Cille Mhunna agus ann an Cill Fhionain ann an Earra-Ghàidheal tràth san 13mh linn. Bha fear Iain MacLaomainn na Bhàillidh Chòmhghall ann an 1456. Rinneadh Ridire de Iain MacLaomainn, Fear Inbhir Aibhne ann an 1539 agus chaidh an oighreachd aige air fad aonachadh mar Bharanachd Inbhir Aibhne. B'e prìomh chathair a' chinnidh Casteal Thollaird, far an do thadhail Màiri Banrigh na h-Alba air ann an 1563. Bha ceanglaichean pòsaidh aig Clann MhicLaomainn ri iomadh teaghlach Albannach aig an robh tiotal.

Tha sgeulachd ann mu cheann-cinnidh Laomannach a mharbh mac Griogarach Ghleann Sreith ann an argamaid agus, a dh'iarr aoighreachd air a' Ghriogarach na b'fhaide air adhart. Thug an Griogarach dìon agus turas dhachaigh sàbhailite dha do Chòmhghall. A chionn's gun do lean na Griogaraich dòighean-obrach aoigheachd na Gàidhealtahd san dòigh seo, thug na Laomannaich fasgadh do na Griogaraich na b'fhaide air adhart nuair a bha iad fon choill agus an t-ainm aca toirmisgte fo Achd Pàrlamaid.

Bha taic Sir Sheumais MhicLaoimainn ris a' mhonarcachd aig àm a' Chogaidh Shìobhalta. Rinn iomadh ceann-cinnidh Caimbeulach creach air fearann nan Laomannach agus sgrios iad Caistealan Thollaird agus Àscaig. Ann an 1646, mhuirt na Caimbeulaich 200 Laomannaich ann an Dùn Òmhainn gu mealltach. Chaidh càrn-cuimhne a thogail ann an an Dùn Òmhainn ann an 1906. Bha am murt seo air aon de na casaidean an aghaidh Marcais Earra-Ghàidheal aig a chùis lagha agus chaidh a chur gu bàs ann an 1661. Chaill na Laomannaich an cumhachd agus tòrr den t-seibh ann an Còmhghall. Bhon àm seo a-mach, b'e Àird MhicLaomainn prìomh chathair nan Laomannach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MacLaomainn

1840an

aodach Gàidhealach; cinnidhean; eachdaigh nan cinnidhean; tachartasan chinnidhean; breacan; tartan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

The Clans of the Scottish Highlands